Home > Event > Teachdaireachd na Gnàth-shìde ann am Botal: Nach Tig Thu Leinn

Teachdaireachd na Gnàth-shìde ann am Botal: Nach Tig Thu Leinn

Nam b’ urrainn dhut rud sam bith a ràdh ris na riochdairean aig COP26, dè bhiodh ann?

Le Film Uibhist, agus ann an com-pàirteachas ri Ionad Shrath Chluaidh Airson Lagh is Riaghladh na h-Àrainneachd Shrath Chluaidh, Island Innovation, Ionad-saidheans Ghlaschu agus Òigridh na h-Alba, tha sinn a’ cur air bhog Teachdaireachd ann am Botal, pròiseact-ealain ioma-mheadhanach com-pàirteachaidh a bheir cuireadh do dhaoine air feadh an t-saoghail, gu sònraichte ann an coimhearsnachdan ann an eileanan is ri taobh na mara, agus gu sònraichte daoine òga is teaghlaichean òga, teachdaireachdan ann am botail a chruthachadh rin lìbhrigeadh gu COP26, Co-labhairt Atharrachadh Gnàth-shìde nan Dùthchannan Aonaichte ann an Glaschu san t-Samhain 2021.

Tha sinn a’ toirt cuireadh dhut na ceistean a th’ ort air èiginn na gnàth-shìde, èirigh àirde na mara, truailleadh aig muir agus bith-eugsamhlachd a chlàradh, le ceistean air luchd-truaillidh agus an fheadhainn ann an cumhachd agus a’ moladh shuidheachaidhean seasmhach san ùine air thoiseach mu lasachadh, atharrachadh agus ath-leumachd. Thèid stàladh de na teachdaireachdan is na botail agus den fhilm an dèidh làimhe a chruthachadh aig COP26. Tha sinn feumach air do chuideachadh gus am faod sinn uimhir a bheachdan is a ghabhas a sgaoileadh – na leig le do bheachdan fhèin gun cluas ri claisneachd fhaighinn!

Ma tha thu ag iarraidh teachdaireachd ann am botal a chur air falbh, nach cuir thu an teachdaireachd agad thugann aig meadhan-latha 20 Dàmhair 2021 air a’ char as fhaide.

Ciamar a chlàraicheas mi an teachdaireachd agam?

  • Sgrìobh an teachdaireachd agad air pìos pàipeir.
  • A’ cleachdadh fòn, dèan film dhìot fhèin (no iarr air caraid t’ fhilmeadh) a’ sàbhaladh na teachdaireachd agad air camara. Cùm an-àirde an teachdaireachd sgrìobhte agad gus am faic sinne i.
  • Dh’fhaodadh tu t’ fhilmeadh fhìn cuideachd le botal-òil plastaig a loth thu ga chumail an-àirde agad – faigh fear air a’ chladach no glèidh fear bho ath-chuairteachadh an teaghlaich.

Faodaidh teachdaireachdan a bhith ann an cànan sam bith – nach toir thu seachad tionndadh Beurla mura bheil i sa Ghàidhlig no sa Bheurla. Tha an fhuaim cudromach dha-rìribh, mar sin nach fheuch thu ris am microphone a dhìon bhon ghaoith – air neo cleachd fear plugadh a-steach ma tha leithid agad. Thoir sùil air an fhuaim an dèidh a bhith a’ filmeadh, agus ma tha e gu math ropach, dh’fhaodadh tu feuchainn a-rithist far a bheil fasgadh. Feuch an dèan thu am film ann an riochd cruth-tìre, agus aig an dùmhlachd-bhreacaidh as àirde a ghabhas air an inneal agad.   .

Cuir an teachdaireachd sgrìobhte agus am botal gu

  • TEACHDAIREACHD ANN AM BOTAL
  • f/ch Taigh-tasgaidh agus Ionad-ealain Thaigh Chearsabhagh
  • Uibhist a Tuath, Na h-Eileanan Siar, HS6 5AA

Cuir a-steach t’ ainm agus fios mu chonaltradh gus am faod sinn cumail ann an conaltradh mun oidhirp agad. Mura tèid agad air postadh, tog dealbh no bhideo agus cuir a-steach leis an teachdaireachd agad air bhideo.

Cuir am film agad thuig uistfilm.wetransfer.com. Faodar seo a dhèanamh gu dìreach bho fhòn-làimhe. (Bidh agad ris an seòladh post-dealain agad a chur a-steach agus còd-dearbhaidh fhaighinn ann am bogsa nam post-dealain agad. Sleamhnaich an sgàilean suas gus am bogsa a nochdadh agus cuir a-steach an còd. Cuir t’ ainm agus far a bheil thu san tiotal no san teachdaireachd). Ma bhios taic a dhìth ort le càil shuas, cuir fios gu andy@taigh-chearsabhagh.org

Gheibh a h-uile neach-cuideachaidh luchdachadh a-nuas den fhilm dheireannach, nochdaidh iad ann an creideasan an fhilm agus gheibh iad cuireadh VIP gu cur-air-bhog an taisbeanaidh air an Lìon.

Airson barrachd fiosrachaidh air pròiseact Teachdaireachd ann am Botal, le beagan a bharrachd mu urracha mòr an sàs ann, faic duilleag na h-Àrainneachd againn.