Home > Event > Teanta Ealain an t-Samhraidh

Teanta Ealain an t-Samhraidh

Am bu toigh leat dìthean a dhèanamh le pàipear, a dh’fhàsas na dhìthein cheart? No dealbh bheòthail a dhèanamh air a’ bheathach as fheàrr leat? ’S dòcha dìreach gu bheil feum agad air beagan ùine air falbh bhon t-sluagh?

Gheibh thu seo uile, agus a bharrachd, san teanta ealain! Tha sinn a’ tabhann gnìomhan an-asgaidh a tha freagarrach air gach aois, air an stiùireadh le luchd-ealain an àite. 

Ma tha thu aig Fèill Àiteachais Uibhist a Tuath, no Fèis Eilean Dorcha (cò nach eil?!), cùm sùil a-mach airson an teanta ealain againn. Bidh bratach shoilleir againn airson sealltainn cò an teanta anns a bheil sin, agus aghaidhean thoilichte a chuireas fàilte oirbh. Tadhal a-steach uair sam bith!

Le taing do UCVO, Urras Leasachaidh na h-Eileanan an Iar, agus Maoin Coimhearsnachd Coop airson an taic gus na tachartasan seo a chur air adhart tron t-samhradh.