Home > Event > The Islands And The Whales

A stylised image of a whale jumping under the water with only its tail left visable in the shot. There is a vibrant orange sunset behind the muted blue mountains dividing it from the ocean. On the top right there is black text that reads “The Islands”. On the base left there is more text but in white that reads “And The Whales”.

The Islands And The Whales

UK / 2016 Stiùir. Mike Day     81 mion / BBFC Cert. 12A

Tiocaidean air an doras a-mhàin. £8 a’ gabhail a-steach VAT / £6 lasachadh. Ro-ghlèidheadh ga mholadh leis an àireamh chuibhrichte de shuidheachain. Post-d andy@taigh-chearsabhagh.org

https://vimeo.com/259185984

A’ leantail air sreath de dhuaisean eadar-nàiseanta an leithid DOC NYC Grand Jury Prize, Hotdocs Emerging International Filmmaker Award and geàrr-liostadh Bafta, tha am film cliùiteach The Islands And The Whales a’ tighinn gu taighean-dhealbh air feadh na rìoghachd.

San dachaigh eileanach am meadhan a’ chuain a tuath, b’ fhada on a bha na Fàrothaich ag ithe na sholaraich am Freastal dhaibh, ’s iad moiteil biadh a chur air a’ bhòrd. Tha toradh an fhearainn ach beag, agus dh’fhalbh iad gu treabhadh a’ chuain. Thàinig iad beò air mucan-mara is eòin-mhara fad iomadh ginealach, agus b’ e siud a’ bheòshlainte a thàinig riutha; beòshlainte a thug iad dhan chloinn aca. Ach an-diugh, tha cunnart ron dùthchas seo.

Chan e connspaid sealg nam mucan-mhara a tha sa chunnart, ach bho na mucan-mara iad fhèin. ’S iad na Fàrothaich a th’ air thòiseachd ann a bhith a’ mothachadh truailleachd nan cuantan. Tha na mucan-mara ionmhainn aca puinnseanta le truailleachd an domhain mhòir. ’S e an dearbh rud a chumadh beò iad a-nise a’ cur beatha na cloinne fo chunnart, agus tha roghainn eadar slàinte is dùthchas a-nise ro na Fàrothaich.