Tha Through the Pinhole a’ taisbeanadh sreath de chamarathan toll-prìne agus dealbhan a chaidh an cruthachadh aig bùth-obrach aig Sgoil Uibhist a Tuath, le sia-deug sgoilear air Clasaichean 4, 5 agus 6. Dh’fhosgail a’ bhùth-obrach an cothrom do sgoilearan, ann an dòigh spòrsail, airson cruthachadh dhealbhan, a’ cleachdadh seann stuthan airson an camara aca a chur ri chèile, leithid crogain falamh agus stuth pacaigeadh a bhiodh a’ dol dhan sgudal. Le bhith a’ rannsachadh teòiridh agus dòighean-obrach dhealbhadaireachd, dh’obraich na sgoilearan a-mach na tomhasan-ama aca airson nochdadh solas agus bheachdaich iad air cruth nan ìomhaighean, mus do thog iad na dealbhan aca san raon-cluiche. Chaidh am pròiseact a chur ri chèile agus a ruith le Tara Drummie, le cuideachadh bho Nicola Neate.
“Dh’ionnsaich sinn leithid a rudan ùra. Dh’ionnsaich sinn mar a dhèanadh sinn camara toll-prìne a-mach à rud sam bith.”
– Jonathan
“Rinn sinn na camarathan againn a-mach à bogsaichean is crogain agus prìneachan. Chòrd e rium a bhith a’ peantadh taobh a-staigh an camara ann an dubh, thug e toileachadh dhomh.”
-Eva
“Dh’ionnsaich mi mu dheidhinn gathan solais agus mar a tha dealbh ga dhèanamh. Shlaod thu an teip, an uair sin dh’fhuirich thu fad seachd mionaid, agus an uair sin chur thu an teip air ais air.”
-Seonaidh
Tha obair ga thaisbeanadh bho Sheumas Black, Eva Fountain, Eilah NicDhòmhnaill, Jonathan
MacDhòmhnaill, Rebecca NicDhòmhnaill, Lottie NicIlleathain, Tom Òg Marks, DJ Monc, Orla Mhoireasadan, Seonaidh Moireasdan, Dani NicNeacail, Freya NicNeacail, Johan Prior-Pitt, Annaleise Robasdan, Kelsey Robasdan agus Guthrie Wheeler.
Mòran taing do sgoilearan agus luchd-obrach Sgoil Uibhist a Tuath airson an dealas agus an obair ionmholta aca, agus do Thaigh Chearsabhagh airson taic a chur ris a’ phròiseact.
Tha an taisbeanadh an-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine bho 10m-4f, Diluain gu Disathairne, anns a’ Chafaidh ann an Taigh Chearsabhagh. Ma tha thu nad neach-ealain òg le obair san taisbeanadh seo, gheibh thu seòclaid teth an-asgaidh – chan fheum thu ach faighneachd sa Chafaidh.
Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.