’S e ceum-coiseachd le bàrdachd a th’ ann an Tidelines, a’ freagairt air a’ chruth-tìre shònraichte air costa Uibhist. A’ leantainn Tràigh Ear Bheàrnaraigh, tha an t-slighe coiseachd seo, mu 35-mionaid a dh’fhaid, a’ tabhann cruinneachadh de bhàrdachd air a sgrìobhadh agus air aithris le sgrìobhadairean ionadail, le ceòl is fuaim air a chur an cèill leis an neach-ciùil air mhuinntireas aig Taigh Chearsabhagh, Donnchadh MacLeòid.
Le measgachadh shònraichte de dh’aithris, fuaimean àrainneachd, agus ceòl; ’s e cuairt stèidhichte a th’ ann an cuairt-fuaime, a’ cleachdadh GPS airson ceangal ri clàr-fuaime tro app, agus a’ cluich a’ chlàradh fuaime aig an àm cheart airson mothachadh bhreàgha a bharrachd a thoirt seachad air an àite, fhad ’s a tha thu a’ coiseachd troimhe.
Chaidh an cuairt-fuaime seo a leasachadh ann an co-bhonn ri Buidheann Sgrìobhadairean Uibhist, le cuideachdadh bho Oilthigh Nottingham, le taic-airgid bhon Mhaoin Rannsachaidh aig Rannsachadh Shasainn.
Fiosrachadh feumail:
Chan eil uair stèidhichte airson tòiseachadh air a’ cheum – tadhalaibh uair sam bith eadar 2f – 3.30f. Bidh sinn nar feitheamh aig Ostail Urras Gatliff faisg air an Tràigh Ear, airson ur stiùireadh chun chuairt-fuaime. Airson an ostail a lorg, thoiribh sùil air GoogleMaps.
Airson a dhol air a’ chuairt-fuaime, ’s urrainn dhuibh èisteachd air am fòn-làimhe agaibh no iadsan fhaighinn air cluicheadair mp3. Bidh taghadh de chluasan-fòn uèir agus Bluetooth againn, no faodaidh sibh ur cuid fhèin a thoirt leibh ma ’s fheàrr leibh. Bidh adaptaran airson cluasan-fòn agus caballan sgoltaidh rim faighinn dhaibhsan a tha ag iarraidh fòn a chleachdadh eatorra.
Tha an t-slighe coiseachd meadhanach mì-chothrom ach tioram mar as trice. Thoiribh leibh aodach agus brògan freagarrach, le fios air cho caochlaideach ’s a tha an t-sìde. Tha sinn a’ comhairleachadh gun toir sibh leibh cè-ghrèine agus botal uisge.
Tha na taighean-beaga as fhaisge ann an Ostail Urras Gatliff.
