Home > Event > Tìr is Teanga: Bùth-obrach Sgrìobhadh Cruthachail – LÀN

Headshot photo of Helena Fornells Nadal, taken in front of a stone wall.

Tìr is Teanga: Bùth-obrach Sgrìobhadh Cruthachail – LÀN

**Tha a’ bhùth-obrach seo a-nis làn. Cuiridh postd gu taigh@taigh-chearsabhagh.org if you would like to be added to a waiting list.

Bidh fàilte romhaibh aig bùth-obrach sgrìobhadh cruthachail air Dihaoine 18 Giblean, air a stiùireadh le Helena Fornells Nadal a tha i fhèin na bàrd agus na rannsaiche. Tro obair chruthachail, bidh a’ bhùth-obrach a’ sgrùdadh an eòlais a th’ againn fa leth, agus mar bhuidhinn, air tìr, àite, agus àrainneachd shòisealta is nàdarra. Thèid luchd-frithealaidh am brosnachadh sgrìobhadh mu na tha iad a’ toirt an aire air san àrainneachd nàdarra mu thimcheall orra, cuimhneachain pearsanta no cuimhneachdain teaghlaich co-cheangailte ri tìr is àite, agus beachdan air dè tha ri thighinn airson na coimhearsnachdan aca. 

Glèidhibh tiogaid an-asgaidh gu h-ìosal, airson Tìr is Teanga: Bùth-obrach Sgrìobhadh Cruthachail air Dihaoine 18 Giblean, 11m-1f.

Chan fheum eòlas sgrìobhaidh a bhith agaibh ro làimhe – tha fàilte air luchd-sgrìobhaidh ùra a bharrachd air feadhainn a tha eòlach. Faodaidh sibh sgrìobhadh ann an Gàidhlig, Beurla no Albais. Bheiridh Helena fiathachadh dhuibh earrannan bho na teacsaichean a chruthaicheas sibh sa bhùth-obrach a chur ri sreath dhàn a tha i a’ sgrìobhadh mar phàirt de PhD ioma-chuspaireil.

Tha a’ bhùth-obrach seo mar phàirt dhen pròiseact rannsachaidh PhD aig Helena, ‘Poetry and Land: A New Ecopoetics for Scotland’ aig Oilthigh Ghlaschu. Gheibh luchd-frithealaidh tuilleadh fiosrachaidh mun phròiseact rannsachaidh mus tòisich a’ bhùth-obrach.

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.