Tha Comann Ealain Uibhist air ais le taisbeanadh ùr de dh’obair nam ball, airson Taisbeanadh Fosgailte an t-Samhraidh 2026. Tadhalaibh sna Stiùideothan ann an Taigh Chearsabhagh a dh’fhaicinn farsaingeachd de dhòighean-obrach cruthachail is meadhanan gan cleachdadh.
Thèid Taisbeanadh an t-Samhraidh a chur air bhog le ro-shealladh fosglaidh air Dihaoine 26 Ògmhios, 6.30f – 8.30f. An-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine, thigibh ann a choinneachadh ris an luchd-ealain aig tachartas shòisealta is neo-fhoirmeil.
Bidh a’ mhòr-chuid den obair ealain ga reic, is pìosan ùra ga chur ris rè ùine an taisbeanaidh. Bidh luchd-ealain a’ cuideachadh gu saor-thoileach aig an taisbeanadh tron t-samhraidh agus tha sibh làn di-beathte còmhradh riutha mu na chì sibh san taisbeanadh.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Chomann Ealain Uibhist agus am ballrachd, tadhalaibh air an làrach-lìn aig an UAA an seo.
Tha Taisbeanadh Fosgailte an t-Samhraidh 2026 aig an UAA ri fhaicinn an-asgaidh ann an Stiùideothan 1 – 3, Diluain gu Disathairne, 10m – 4f, bho 27 Ògmhios gu 8 Lùnastal 2026. Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.
