Home > Event > Ùineach reFresh: Martin Campbell

Ùineach reFresh: Martin Campbell

Airson an taisbeanadh reFresh, agus mar phàirt de Làn-Thìde, Leus-mara na Gnàth-shìde ann an Innse Gall, the Taigh Chearsabhagh a’ cumail ùineachan cruthachail air mhuinntireas ann an co-bhann ri Ceòlas agus Cothrom/ReStore.

Tha na h-ùineachan seo air mhuinntireas a’ ceasnachadh caitheamh agus saothrachadh, le gach neach air mhuinntireas ri bhith a’ co-obrachadh le coimhearsnachdan ionadail gus deuchainn a dhèanamh air stuth-caitheimh. Bheir sinn leasachadh còmhla air sgilean is modhan-obrach tro bhùthan-obrach an-asgaidh gan cumail ann an Uibhist a Tuath, ann am Beinn na Fadhla agus ann an Uibhist a Deas.

Obair-làimhe / Hand-work: Ro-ràdh mu bhith a’ dèanamh stuthan gnìomh le làimh bho stuthan sgudail.

Thathas a’ toirt cuireadh do chom-pàirtichean pàirt a ghabhail ann am bùth-obrach obair-fiodha aon-latha air a stiùireadh leis an dealbhaiche agus an neach-dèanaidh, Martin Campbell.

Airson na bùthan-obrach aca, bidh Martin an sàs ann a bhith a’ dèanamh raon de phròiseactan beaga a ghabhas gabhail os làimh anns na bùthan-obrach. Bidh pròiseactan a’ toirt a-steach ‘stòl bleoghan’ 3-chasach no suidheachan traidiseanta Albannach ‘creepie’, agus each-sàbhaidh no trestle ann an stoidhle saoir. Bidh na pròiseactan eadar-dhealaichte anns an ìre sgil a dh’ fheumar agus bidh iad freagarrach airson neach-tòiseachaidh iomlan no dhaibhsan aig a bheil comas obair-fiodha beagan nas adhartaiche.

Seallaidh Martin eisimpleirean crìochnaichte den phròiseact, togaidh e iad sin agus treòraichidh e com-pàirtichean tro gach ceum agus pròiseas a tha an lùib a bhith gan dèanamh.

Faodaidh com-pàirtichean a bhith an dùil cuid de sgilean practaigeach a leasachadh agus beagan eòlas fhaighinn air dòighean dèanamh àirneis. Bidh Martin cuideachd ri fhaighinn airson comhairle agus stiùireadh do chom-pàirtichean a tha a’ beachdachadh air dreuchd ann an obair-fiodha cruthachail no dèanamh àirneis.

Bidh a’ chiad sheata de bhùthan-obrach a’ gabhail àite aig Cothrom air 9mh is 10mh Giblean, 10m – 4f gach latha.

Seòladh: Cothrom ReStore, Ormacleit, Uibhist a Deas HS8 5SB

Bidh an dàrna sreath de bhùthan-obrach a’ gabhail àite aig Ceann na h-Àiridh air 30 Giblean agus 1 Cèitean, 10m – 4f gach latha.

Seòladh: Scotvein, Griomasaigh, Uibhist a Tuath HS6 5JA

Freagarrach dhaibhsan aig nach eil ach glè bheag de eòlas obair-fiodha roimhe. Air a mholadh airson aois 11+.

Thathas a’ brosnachadh chom-pàirtichean (ged nach eil feum air) gus seann àirneis fiodha no stuthan sgudail a thoirt leotha agus a chuir a-steach air am feumar beachdachadh airson stuthan a chleachdar sa bhùth-obrach.

Tha Martin Campbell na dhealbhaiche & na neach-dèanaidh à Beinn na Faoghla bho thùs agus a tha a-nis a’ fuireach agus ag obair ann an Glaschu, Alba.

Tha raon farsaing de dh’ obair aig Martin, bho choimiseanan àirneis dachaigheil a dh’aona-ghnothach gu pròiseactan co-obrachail ealain coimhearsnachd agus conaltradh poblach.

Tha fòcas na h-obrach aige an-dràsta air a bhith an eisimeil nas lugha air stuthan a chaidh a thoirt a-steach agus tha e ag amas air eisimpleirean a thoirt seachad de thoraidhean làmh-dhèanta smaoineachail agus air an deagh bheachdachadh a’ cleachdadh feartan gnèitheach stuthan a gheibhear gu h-ionadail.