Thigibh a rannsachadh taisbeanadh ioma-mheadhan Uist Unearthed, a tha mar thà air duaisean a chosnadh, is teicneòlas didseatach ga chleachdadh airson sealladh às ùr a thoirt dhuinn air còig làraich arc-eòlais ann an Uibhist. An lùib na tha anns an taisbeanadh eadar-ghnìomhach seo tha stuthan bho làraich arc-eòlais Uibhist a Tuath nach fhacas roimhe. Nach tig sibh a choimhead air na stuthan didseatach eadar-ghnìomhach, sgeulachdan is geamannan, agus cumaibh sùil a-mach airson sanasan airson bùthan-obrach seataichean-cinn VR. Luchdaich a-nuas app Uist Unearthed airson tòiseachadh air ur turas tro eachdraidh agus ro-eachdraidh nan eilean.
Tha Pròiseact Arc-eòlas Biortail Uibhist air a lìbhrigeadh le arc-eòlaichean aig UHI Innse Gall, ann an compàirteachas le Comhairle nan Eilean Siar. Tha seo a’ faighinn taic-airgid bho Mhaoin Dualchais Nàdarra is Culturail ERDF, air a làimhseachadh le NàdarAlba. Tha taic cuideachd ga chur ris bho Mhaoin Dualchas a’ Chrannchur Nàiseanta, Comhairle nan Eilean Siar, Stòras Uibhist agus Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean.
Tha an taisbeanadh an-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine bho 10m-4f, Diluain gu Disathairne, ann an Gailearaidh 2 aig Taigh Chearsabhagh.
Gheibh luchd-tadhail cothrom seataichean-cinn VR a chleachdadh airson coimhead air na làraich, le cuideachadh, aig na seiseanan a leanas:
Dihaoine 21 Giblean, 2f – 4f
Disathairne 22 Giblean, 12f – 3f
Dihaoine 28 Giblean (Saor-làithean sgoile), 12f – 3f
Gabhaidh seiseanan an cur air dòigh do bhuidhnean is sgoiltean ma thèid sin iarraidh.
Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.
Còir-dealbh: The Uist Virtual Archaeology Project