Sgeulachd mun chàirdeas iongantach eadar am filmeadair a b’ fheàrr riamh à Alba, agus Peter Jewell a bha na chompanach agus na cho-obraiche fad a bheatha. B’ e Bill Douglas fear de na stiùirichean a bu thàlantach an Alba. Tha gach sealladh sna filmichean aige na phìos ealain, is bàrdachd anns gach sreath.
Thàinig cruth-atharrachadh air beatha Bill nuair a bha e air Seirbheis Nàiseanta ann am fàsach na h-Èipheit agus thachair e ri fear a bha bhon uair sin na charaid dha fad a bheatha, Peter Jewell. Bha beatha gu math diofaraichte air a bhith aig an dithis ach thog iad ceangal às an tàinig neart cruthachail smaoineachail. Anns an fhilm seo, tha Peter a’ cuimhneachadh air a’ bheatha a bh’ aige le Bill, agus an dealas a bh’ aca airson fhilmichean fad am beatha, a thug orra tòiseachadh feuchainn le camara 8mm. Tha na cuimhneachain agus cnuasachadh aige air an dìleab aig Bill ga dhealbhachadh le na filmichean goirid seo nach fhacas riamh roimhe.
Air a stiùireadh le Jack Archer aig Hopscotch Films, chaidh Bill Douglas: My Best Friend a thaghadh airson Fèis Fhilmichean Venice agus bidh an ciad-taisbeanadh den fhilm ga shealltainn an sin san t-Sultain.
Thigibh còmhla rinn ann an Talla Chàirinis air Disathairne 28 Sultain airson coimhead air Bill Douglas: My Best Friend. (Thoiribh an aire gu bheil seo ga shealltainn air Disathairne agus chan ann air Dihaoine mar as àbhaist.) Bidh an doras a’ fosgladh aig 6.30f, airson tòiseachadh aig 7f.
Glèidhibh na tiogaidean agaibh tron t-siostam Pàigh na Thogras Tu, far am bi sibh fhèin a’ taghadh dè phrìs tiogaid a bu toigh leibh pàigheadh nuair a tha sibh ga ghlèidheadh. Nam bu toigh leibh ur taic airson taigh-dheilbh neo-eisimileach a shealltainn, tha sibh làn di-beathte tabhartas airgid a thoirt seachad an dèidh an fhilm.
Airson fios às ùr air a’ phrògram agus fiosrachadh co-cheangailte, ’s urrainn dhuibh a’ chuairt-litir aig UistFilm iarraidh an seo.
Tha filmichean UistFilm a’ faighinn taic bho Film Hub Scotland agus Institiùid Fhilm Bhreatainn.
