Tha The Oil Machine a’ sgrùdadh mar a tha ar eaconamaidh, ar n-eachdraidh agus ar faireachdainn air an suaineadh an lùib na h-ola, le bhith a’ coimhead air feumalachdan timcheall ola a’ Chuain a Tuath a tha a’ strì an-aghaidh a chèile. Tha an t-àm ri teachd airson an t-inneal neo-fhaicsinneach seo, a tha aig cridhe an eaconamaidh agus ar comann-sòisealta, a-nis cugallach is luchd-iomairt agus luchd-maoin ag iarraidh atharraichean. An e seo deireadh na h-ola? Tha The Oil Machine a’ tarraing ri chèile farsaingeachd de ghuthan leithid luchd-gnìomhachais chompanaidhean ola, eaconoamairean, luchd-iomairt òga, manaidsearan sgeamaichean pheinnsein, agus a’ beachdachadh air mar a ghabhas an t-inneal seo a smachdachadh, a thoirt às a chèile no a chur gu feum às ùr.
“Film aithriseach chumhachdach – riatanach coimhead air” Brian Ferguson – An t-Albannach
“Pìos obrach bhrèagha, shuainealach, dian-ghlacadh agus air leth faireachdail – dh’ionnsaich mi mòran bhon a bhith ga choimhead” Janice Forsyth, BBC Radio na h-Alba – Prògram Feasgair.
Tha UistFilm Presents na shreath de thaisbeanadh fhilmichean gach mìos, a h-uile Disathairne mu dheireadh den mhìos, aig Talla Chàirinis. Tha sinn fior thoilichte a bhith a’ sealltainn The Oil Machine. Cuiribh na tiogaidean agaibh an dara taobh gu h-ìosal, seach nach bi ach àireamh bheag dhiubh rim faotainn aig an doras.
Ma ghlèidheas sibh tiogaid agus nach urrainn dhuibh tighinn ann air adhbhar sam bith, bhiomaid nur comain nan cuireadh sibh fios gu taigh@taigh-chearsabhagh.org gus an urrainn dhuinn a thabhann do chuideigin eile.