Home > Event > UistFilm: Riptide + Marram

Poster for Riptide and Marram with people walking along the beach.

UistFilm: Riptide + Marram

Tha UistFilm a’ cur air adhart tachartas sònraichte, a’ taisbeanadh film Riptide, “A schizophrenia love story road movie”, agus a’ chiad taisbeanadh air Marram, film goirid ùr sa Ghàidhlig a chaidh a chlàradh ann am Beàrnaraigh.

Air a sgrìobhadh agus a stiùireadh le Tim Barrow, tha Riptide a’ leantainn Jacob an dèidh dha faighinn a-mach bho ospadal leighis-inntinn agus e a’ feuchainn ri dhol air adhart le bheatha ann an Dùn Èideann, an tinneas-inntinn aige fhaighinn fo smachd agus a bhith na bhall luachmhor den mhòr-shluagh.  Chan eil e fada gus a bheil e air a shàrachadh leis a’ bheatha dhorainneach seo agus tha Jacob a’ tarraing gu tuath dhan Ghàidhealtachd, far am bi e a’ coinneachadh Eva, tè tharraingeach a tha ag ràdh gur i nìghean dìomhair le Ingmar Bergman.  Agus tha misean roimhpe.  Tha Jacob agus Eva a’ tighinn còmhla airson dàna-thuras. 

’S e sgeulachd co-aimsireil a th’ ann am Marram, a’ leantainn teaghlach air eilean ann an Innse Gall is iad a’ feuchainn rim mac ghràdhach a thuigsinn agus ath-bheòthachadh.

Cha do bhruidhinn Kevin fad mhìosan. Tha a mhàthair Maragaidh a’ dol a-mach às a rathad gus rudeigin fhaighinn a dh’fhaodadh cuideachadh a thoirt dha.  Air an t-slighe, tha rudeigin ga dhùsgadh innte fhèin a chaidh air chall.  Air ais air an eilean, feumaidh i a h-uile sian seo a rèiteachadh agus cùisean a chumail rèidh le a mac eile, Seumas.  Aig a’ cheart àm, tha am muran a dh’fheumas iad airson tughadh a’ mhullaich os an cionn air fàs gann is talmhainn a’ chladaich ga chnàmh.

Chaidh Marram a chlàradh ann am Beàrnaraigh, Uibhist a Tuath agus Dùn Èideann, le na cleasaichean Dolina NicIllinnein, Daibhidh Walker agus Ewan James Armstrong, le ceòl bhon chòmhlan electronica Gàidhlig, WHYTE.  Film Gàidhlig le fo-thiotalan Bheùrla.

An-dèidh làimh, bidh seisean Ceist & Freagairt ann le stiùirichean an dà fhilm, Tim Barrow agus Elspeth Turner.

Bidh na tiogaidean gan reic air an doras, aig prìs a thaghas sibh fhèin, £3 – £10.  Chan urrainn dhuinn pàigheadh a ghabhail le càirt.  Airgead a-mhàin ma ’s e ur toil e.