Ciamar a tha e cho doirbh do chuid a dh’fhireannaich sealltainn mar a tha iad a’ faireachdainn?
Tha UistFilm a’ taisbeanadh Silent Men, ann an Talla Chàirinis air Disathairne 26 Giblean. Pàirt leigheis, pàirt cuairt-rathaid, tha am filmeadair Duncan Cowles, a th’ air duaisean BAFTA a chosnadh dha dhèin, a’ faighneachd do dh’fhireannaich ciamar a bhios iadsan a’ fosgladh suas, is e a’ feuchainn ri aghaidh a chur air na duilgheadasan aige fhèin a bhith dlùth-chaidreabh is fosgailte le luchd-gaoil.
Le fìreanntachd dhomhainn agus eirmseachd, tha SILENT MEN a’ fighe chòmhraidhean mì-chomhfhurtail am measg a’ phròiseas fhilmeadaireachd, a’ faighneachd ciamar a tha iad ag obrachadh, agus nas cudromaiche, ciamar as urrainn dhut tighinn gu rèite le cuspairean slàinte, an dà chuid slàinte corporra agus slàinte inntinn.
A’ sgrùdadh thaobhanan mu fìr a tha ainneimh gan deasbad, tha am film a’ fosgladh an dorais airson dòigh eile air a bhith beò, conaltradh agus slànachadh, a bharrachd air feuchainn ri mìneachadh a thoirt air fireannachd.
“Sgrùdadh tharraingeach air fireannachd agus àrach” – Morning Star
“Dh’fhaodadh coimhead air Silent Men do chuideachadh fosgladh suas” – Snack Magazine
“Moladh luachmhor air cho cudromach sa tha e a dhol air thòir cheanglaichean” – New Scientist
Thigibh còmhla rinn ann an Talla Chàirinis air Disathairne 26 Giblean aig 7f, airson Silent Men. Bidh an doras a’ fosgladh aig 6.30f, airson tòiseachadh aig 7f. Thoiribh an aire gu bheil am film ga shealltainn air Disathairne, seach air Dihaoine mar as àbhaist.
Glèidhibh na tiogaidean agaibh tron t-siostam Pàigh na Thogras Tu, far am bi sibh fhèin a’ taghadh dè phrìs tiogaid a bu toigh leibh pàigheadh nuair a tha sibh ga ghlèidheadh. Nam bu toigh leibh ur taic airson taigh-dheilbh neo-eisimileach a shealltainn, tha sibh làn di-beathte tabhartas airgid a thoirt seachad an dèidh an fhilm.
Thoiribh an aire gu bheil susbaint sa film a dh’fhaodadh a bhith mì-chomhfhurtail do luchd-amhairc, co-cheangailte ri slàinte inntinn agus fèin-mhurt. Ma tha thu fhèin no cuideigin as aithne dhut a’ strì le na cuspairean san fhilm seo, gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh aig: silentmenfilm.com.
Airson fios às ùr air a’ phrògram agus fiosrachadh co-cheangailte, ’s urrainn dhuibh a’ chuairt-litir aig UistFilm iarraidh an seo.
Tha filmichean UistFilm a’ faighinn taic bho Film Hub Scotland agus Institiùid Fhilm Bhreatainn.
