Sgeulachd nach deach innse air Còmhlain Bhoireann na h-Alba
The McKinleys, The Ettes, Strawberry Switchblade, Sophisticated Boom Boom, Twinsets, His Latest Flame, Sunset Gun, Lungleg, Pink Kross, Sally Skull, Hello Skinny, The Hedrons.
Gun feart aig a’ ghìomhachas dhaibh agus gun chothrom air an t-soirbheachas eadar-nàiseanta a bha na còmhlain fhireann a’ cosnadh, tha ‘Since Yesterday: The Untold Story of Scotland’s Girl Bands’ a’ comharrachadh na boireannaich agus an cuid ciùil bhon latha a dh’fhalbh, agus a’ gairm do thàlant bhoireannaich san àm ri teachd.
A’ measgachadh sgeulachdan phearsanta le fuaim is ìomhaighean le coltas leabhair-mhìr, tha Since Yesterday gar toirt air dàna-thuras deichead-air-an-deichead, a’ cruthachadh teip mheasgaichte de dh’ìomhaighean as fheàrr a bha riamh ann. Gheibh sibh demos nach cualas riamh roimhe, tasglainn a chaidh an call, agus taisbeanaidhean tearc a tha a’ comharrachadh an fheadhainn a dh’atharraich gach nì, luchd-ciùil pop, punc nas fhaide den latha, agus tùsairean nach do ghabh ri co-rèiteachadh riamh, agus leis a sin a chaidh air chall le ùine.
Tha am film a’ dèanamh breithneachadh air na bacaidhean a th’ air a bhith mu choinneamh bhoireannaich gu ruige seo, agus a tha fhathast ann an-diugh. Tha e a’ faighneachd ciamar as urrainn dhuinn boireannaich òga a bhrosnachadh gus ceòl a dhèanamh, ma tha iadsan a tha a’ feuchainn sin, air an dubhadh às an eachdraidh chulturail againn gu cunbhalach. Air a’ sgrìobhadh agus air aithris leis an neach-ciùil, Carla J. Easton, is i air a h-ainmeachadh airson duaisean, ’s e sgeulachd chumhachdach chruinneil a tha seo, ga shealltainn tro shùil ionadail.
Thigibh còmhla rinn airson an taisbeanadh seo aig UistFilm air Since Yesterday: The Untold Story of Scotland’s Girl Bands, ann an Talla Chàirinis air Dihaoine 25 Dàmhair. Bidh an doras a’ fosgladh aig 6.30f, airson tòiseachadh aig 7f.
Glèidhibh na tiogaidean agaibh tron t-siostam Pàigh na Thogras Tu, far am bi sibh fhèin a’ taghadh dè phrìs tiogaid a bu toigh leibh pàigheadh nuair a tha sibh ga ghlèidheadh. Nam bu toigh leibh ur taic airson taigh-dheilbh neo-eisimileach a shealltainn, tha sibh làn di-beathte tabhartas airgid a thoirt seachad an dèidh an fhilm.
Airson fios às ùr air a’ phrògram agus fiosrachadh co-cheangailte, ’s urrainn dhuibh a’ chuairt-litir aig UistFilm iarraidh an seo.
Tha filmichean UistFilm a’ faighinn taic bho Film Hub Scotland agus Institiùid Fhilm Bhreatainn.
Còir-deilbhe: Peter McArthur.
