Home > Event > War Paint: Women at War

Poster for War Paint film

War Paint: Women at War

UistFilm: WAR PAINT – Women at War, ga shealltainn ann an Talla Chàirinis air Dihaoine 28 Màrt, aig 7f.

Tha am film aithriseach aig Margy Kinmonth a’ toirt aithne do luchd-ealain cogaidh bhoireann, an uchd nam batail air feadh an t-saoghail, is ag àrdachadh shealladh ealain bhoireann air an t-strì, a’ faighneachd: nuair a tha thu eadar beatha is bàs, dè tha boireannaich a’ faicinn, nach eil fir? Ann an àrainneachd a tha gu traidiseanta fireann, cha deach mòran chliù a thoirt do dh’ealain cogaidh nam ban. Chun an-dràsta…

Bidh seisean Ceist is Freagairt a chaidh a chlàradh ro làimhe againn leis an stiùiriche Margy Kinmonth, mar phàirt den tachartas:

Nam stiùiriche boireann, tha mi ag iarraidh cogadh a shealltainn bho shealladh nam ban. Thuige seo tha mi air cogadh fhaicinn tro shùilean nam fear. A-nis tha mi a’ faighneachd a bheil an t-eòlas a th’ aig boireannaich air strì diofaraichte? Tha ealain a’ toirt fianais ann an dùthchannan far a bheil boireannaich air an cumail sàmhach agus luchd-naidheachd air an casg. Tha mise a’ sealltainn mar a tha ealain a’ briseadh a’ chasg sin, far a bheil fòirneart an aghaidh bhoireannaich ga chleachdadh mar inneal cogaidh. Tha am film agam a’ soillseachadh luchd-ealain bhoireann, a bha gu h-eachdraidheil air an dìmeas, thoradh an gnè. Agus tha mi a’ faireachdain an-diugh nas motha na bha riamh, gu bheil feum èiginneach ann air làn-thionndaidh a thoirt air, gus na sgeulachdan seo aithris a-nis, airson an fhìrinn innse don chumhachd. Margy Kinmonth

Thigibh còmhla rinn ann an Talla Chàirinis air Dihaoine 28 Màrt airson War Paint: Women at War.  Bidh an doras a’ fosgladh aig 6.30f, airson tòiseachadh aig 7f.

Glèidhibh na tiogaidean agaibh tron t-siostam Pàigh na Thogras Tu, far am bi sibh fhèin a’ taghadh dè phrìs tiogaid a bu toigh leibh pàigheadh nuair a tha sibh ga ghlèidheadh.  Nam bu toigh leibh ur taic airson taigh-dheilbh neo-eisimileach a shealltainn, tha sibh làn di-beathte tabhartas airgid a thoirt seachad an dèidh an fhilm.

Airson fios às ùr air a’ phrògram agus fiosrachadh co-cheangailte, ’s urrainn dhuibh a’ chuairt-litir aig UistFilm iarraidh an seo.