Bidh fàilte romhaibh tighinn còmhla rinn ann an Taigh Chearsabhagh airson Cèilidh Sìomain, cruinneachadh neo-fhoirmeil agus socair far am bidh sinn a’ toirt seachad sgeulachdan, agus a’ dèanamh sgrùdaidh nas fharsainge air sreang, na linntean cian, atharrachadh na gnàth shìde, an dàimh againn le na lusan mu thimcheall oirnn agus sgeulachdan ionadail. Le ceòl bho Alex Brown.
Tha an tachartas seo an-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine, air Disathairne 7 Sultain, bho 3f-4f.
Tha an Cèilidh Sìoman a’ toirt gu crìoch latha de bhùthan-obrach a’ dèanamh agus a’ sgrìobhadh, air a’ stiùireadh leis an neach-ealain Caroline Dear agus am bàrd Katharine NicPhàrlainn. Feumar àite a ghlèidheadh airson na bùthan-obrach bho 11m-3f. Tadhalaibh air: Cèilidh Sìomain Bùthan-obrach dèanamh + sgrìobhadh.
‘S e neach-ealain a th’ ann an Caroline Dear, stèidhichte san Eilean Sgitheanach. Tha a h-obair a’ rannsachadh an dàimh a th’ againn leis an t-saoghal nàdarra mu thimcheall oirnn. Bidh i a’ rannsachadh seann dòighean-obrach, a’ cruinneachadh dualan eòlais phràctaigeach airson a roinn gus na sgilean shìmplidh, riatanach seo a chumail beò.
Tha Katharine NicPhàrlainn na bàrd agus na neach-teagaisg Albannach, is i air duaisean a chosnadh airson a h-obair. Tha am bàrdachd liriceach aice air a fhreumachadh ann an eachdraidh, cruth-tìre agus seanchas na h-Alba. Tha i dealasach airson cruthachadh cheanglaichean, agus i a’ cur air adhart na coimhearsnachdan agus na guthan nach cluinnear tric.
Tha an Cèilidh Sìoman agus na bùthan-obrach gan toirt seachad ann an co-bhonn ri taisbeanadh Sìoman / Loidhnichean, a tha a’ fosgladh ann an Gailearaidh 2. Bidh fàilte ron h-uile duine aig ro-shealladh den taisbeanadh, ann an Taigh Chearsabhagh air Dihaoine 6 Sultain, aig 7.30f.
Tha taisbeanadh agus tachartasan Sìoman / Loidhnichean an-asgaidh ach nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.
Còir-deilbhe: Caroline Dear
