**Tha am bùth-obrach seo a-nis làn. Cuiribh fios thugainn ma tha sibh ag iarraidh a dhol air liosta feitheimh air eagal ’s gum bi àiteachan a bharrachd ann.**
Còmhla ris an neach-ealain Albannach Kate Leiper, a tha na dealbhadair leabhraichean chloinne, trobhad is ionnsachadh dealbhadh dràgon!
Gheibh thu a-mach ciamar a nì thu an dràgon agad fhèin, is Kate (a rinn na dealbhan airson ‘An Illustrated Treasury of Dragon Tales’) ag innse dè bhios ag obrachadh dhithse, agus a’ sealltainn cuid den obair mhìorbhaileach aice fhèin. Ged a bhiodh an dràgon agad na bhiast eagalach, a’ brùchdadh teine, no na uilebheist làn mì-mhodh is miastadh – le crathadh beag de chomhairle agus farsaingeachd gu leòr airson mac-meanmna – seo an cothrom airson a’ bheathach iomraiteach agad fhèin a thoirt beò air an duilleig!
Cuir gob air do pheansail, duisg do mhac-meanmna – agus faigh deiseil airson bùirean do dhràgon: RRRAAARRRGGHH!!!
Tha am bùth-obrach seo air Disathairne 11 Dàmhair, 10.45m-12.15f, do chloinn aois 8 agus nas sine. Chan eil mòran àiteachan ann is mar sin bu chòir tiogaid a ghlèidheadh cho luath ’s as urrainn. Bidh bùth-obrach eile ann feasgar, Do Sgeulachd Eagalach, le Paul Bristow, bho 1f. Ma tha sibh a’ glèidheadh tiogaid airson an dà bhùth-obrach, bidh bòrd againn far an urrainn dhaibh suidhe airson lòn, agus cluich a-muigh, le cuideigin a’ cumail sùil orra. Cuiribh postd gu susannah@taigh-chearsabhagh.org airson seo a chur air dòigh.
’S e co-labhairt bhliadhnail chomaigean ann an Steòrnabhagh a th’ ann an OH!CON, le treat de bhùthan-obrach a bharrachd am bliadhna-sa, aig Taigh Chearsabhagh. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu OH!CON, tadhalaibh air an làrach-lìn aca.
Airson OH!CON a chomharrachadh, bidh an oifis againn a’ tionndaidh na uaimh chomaigean! Bidh cuiseanan comhfhurtail againn, agus taghadh le leabhraichean ri leughadh làn dhealbhan, agus peanntan air an deasg ma tha thu ag iarraidh dhealbhan a dhèanamh thu fhèin. Bidh seo fosgailte gu 4f, do dhuine sam bith a tha ag iarraidh tighinn còmhla ri caraidean comaig.
Le taing do dh’Urras Leabhraichean na h-Alba airson a’ bhùth-obrach seo a mhaoineachadh tro phrògram Live Literature, agus do sgioba OH!CON airson na seiseanan aca thoirt thugainn.
Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.
