Home > Naidheachdan > Robbie MacLeòid – Romhainn!

Robbie MacLeòid – Romhainn!

Meal a naidheachd air Robbie MacLeòid a choisinn coimisean ealain Gàidhlig, Romhainn, air a thabhann le Urras Thaigh Chearsabhagh, ann an co-bhann ri PS2. Bidh Robbie a-nis a’ tòiseachadh ùine air mhuinntireas, le cuairt rannsachaidh gu PS2 ann am Beul Feirste, agus ùine obrach ann an Taigh Chearsabhagh.

’S e sgrìobhadair, neach-ciùil, agus sgoilear cuèir a th’ ann an Robbie MacLeòid, le ceanglaichean làidir ri Barraigh. Tha an t-saothair aige foillsichte ann an iomadach cànain is dhùthaich. Choisinn e PhD ann an Gaol agus Gnè ann an Litreachas Meadhan-Aoiseil na Gàidhlig, agus Duais nan Sgrìobhadairean Ùra bho Urras Leabhraichean na h-Alba. Thuirt am Makar, Pàdraig MacAoidh, gu bheil bàrdachd Robbie ‘aig an aon àm smaoineachail agus drùis-mhiannach, a’ rannsachadh aignidh a tha dà-chànanach agus dà-sheòrsach tro bhith ag ath-chruthachadh miotais agus smodal cultair pop.’ Fhoillsicheadh a’ chiad chruinneachadh de a bhàrdachd ann an 2025, Am Measg Luaithrean, Beò, agus choisinn e Duais Litreachais. Ann an 2026, bha e na phàirt de Celtic Connections aig a’ chuirm ‘Òran Ùr’, far an do ghabh e an t-òran aige ‘Òran do Ghlaschu’, a bha air co-fharpais Glaschu Beò a bhuannachadh. Na shaothair, bidh teamaichean leithid cuèireachd, dì-cholonachadh, agus gaol tric a nochdadh.

Gur math a thèid le Robbie leis an tha roimhe, is e a’ siubhal a Bheul Feairste a dh’aithghearr. Tha sinn a’ dèanamh fiughar ri faicinn toradh na h-obrach aig a’ cheann thall!

Dealbh: Robbie MacLeòid, le Kesiack agus Ceòl is Craic.