Home > Naidheachdan > A Poet in Every Port

A Poet in Every Port

Taigh Chearsabhagh a’ gabhail pàirt ann am pròiseact A Poet in Every Poet aig an Southbank Centre, leis an tosgaire Roger McGough 

Bidh bhana ùr aig Leabharlann Nàiseanta na Bàrdachd, le taghadh bhon chruinneachadh poblach as motha san t-saoghal de nua-bhàrdachd, a’ siubhal a dh’Uibhist a Tuath san Ògmhios air a chuairt gu 11 bailtean mun chosta, le cothroman don h-uile duine gus leughadh, sgrìobhadh agus aithris bàrdachd.

A’ dèanamh air gach nàisean na RA, eadar Uibhist a Tuath, gu Pennsans sa Chòrn; Beannchar ann an Èirinn a Tuath gus Caernarfon sa Chuimrigh, bidh a’ phròiseact a’ dèanamh fèill air farsaingeachd dual-chainnt is cànanan na RA, agus ag innse sgeulachdan coimhearsnachdan ar costaichean tro bhàrdachd is tron fhacal labhartach fad a shiubhail.

Tosgaire

Tha an Southbank Centre air Roger McGough ainmeachadh mar sàr thosgaire airson A Poet In Every Port, an cois ainmeachadh làn chùrsa airson cuairt a’ phròiseict. Air a bhrosnachadh le cuairtean thaisbeanaidhean mar phàirt de dh’Fhèis Bhreatainn 1951, tha an iomairt aig cridhe prògram 75mh ceann-bhliadhna Southbank Centre.

Co-bhuidheann nam Bàrd Ùra

Aig cridhe a’ phròiseict tha co-hort ùr den New Poets Collective, air a chur ri chèile airson taic a chumail ri bàird a tha air ùr-fheuchainn bàrdachd fhèin, anns gach sgìre sam bi A Poet In Every Port a’ tadhal. Bidh iadsan a’ cumail stiùir ri gnìomhan saor ’s an-asgaidh aig Leabharlann Nàiseanta so-ghluaiste na Bàrdachd anns gach àite, ag obair gu dlùth ri luchd-compàirt gus dual-chainnt ionadail is cànanan a chomharrachadh, agus coimhearsnachdan nas fharsainge is am poball a thoirt an lùib ghnothaichean, a’ sealltainn gu bheil bàrdachd airson gach duine.

Tha sinne a’ gabhail pàirt!

Tha Taigh Chearsabhagh toilichte obrachadh cuide ri Susannah Bolton, neach-ealain à Uibhist a Tuath, agus pàirt a ghabhail ann am pròiseact A Poet In Every Port aig an Southbank Centre. Tha cultar na Gàidhlig, ann am bàrdachd, òrain agus litreachas, freumhaichte gu làidir ann am beatha nan eilean mar chànan a tha beò agus ag atharrachadh agus tha sinn air ar dòigh obrachadh le Susannah agus coimhearsnachdan eadar-ghinealach tron Ghàidhealtachd airson na beachdan seo a thoirt beò.

Thuirt Mark Ball, Stiùiriche Ealain aig Southbank Centre: 

“Tha sinn air bhioran fàilte a chur air Roger McGough mar thosgaire airson A Poet In Every Port. Ga fhaicinn mar ‘pàtran-naomh na bàrdachd’, tha Roger am measg nan sgrìobhaidhean as annsa le muinntir Bhreatainn, làn eirmseachd Merseyside, so-ruigsinneachd is blàths. Tha comas air leth aige am beàrn a theannadh eadar sàr litreachas is com-pàirt choimhearsnachdan – mar sin, ’s esan an tosgaire as fheàrr gus 11 buidhnean com-pàirt aonadh, a’ cumail stiùir ghaisgeil ri ar co-bhòidse.

“’S e sàr phròiseact aig Southbank Centre a bhios aig cridhe prògram 75mh cinn-bhliadhna againn a tha seo, far am beachdaich sinn air na bhios e a’ ciallachadh a bhith mar ionad-ealain an àm ri teachd, agus ciamar, tro chruthachaileachd is cultar, a nì sinn diofar do bheatha dhaoine.”

Thuirt Roger McGough, tosgaire Bhàrd A Poet in Every Port: 

“Leigeam tòiseachadh le bhith ag innse dè cho mòr an t-urram is mi air bhioran a bhith nam thosgairean airson pròiseact cho luachmhor, a’ cumail taic ri rud a bha riamh aig cridhe mo bheò: Bàrdachd. Agus, chan e bàrdachd a-mhàin, aig Southbank Centre fhèin, agus cuimhne leam nuair a bha mi 14, gam thoirt a Lunnainn lem phàrantan, mar a sheas e suas leam fèilltean Fèis Bhreatainn fhaicinn. Gu ruige sin bha mi an dùil nach robh fios ach aig muinntir Pholl a’ Ghruthainn ciamar an sportadh fhèin.

Tha sinn a’ coimhead air adhart ri sgaoileadh fiosrachaidh mun phrògram thachartasan aig Taigh Chearsabhagh airson A Poet in Every Port a dh’aithghearr! Cumaibh sùil air an làrach-lìn agus na meadhan sòisealta againn airson tuilleadh fiosrachaidh.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu thachartasan 75mh ceann-bhliadhna Southbank Centre, tadhalaibh air duilleag an 75mh Cinn-bhliadhna aca. Airson tuilleadh fiosrachadh air a’ phròiseact tadhalaibh air an duilleag airson A Poet In Every Port.