Home > Event > Feamainn: feasgar bàrdachd

Photo of a large price of brown and yellow seaweed.

Feamainn: feasgar bàrdachd

Diardaoin mu dheireadh den mhìos: Sreath feasgair litreachais

’S e seisean le maicreafòn fosgailte a bhios an seo, air cuspair feamainn – mar bhiadh no connadh no todhar no dìreach na rud breàgha, beò, a tha tàmh air na cladaichean againn.

Bidh sinn a’ toirt seachad bàrdachd mu dheidhinn feamainn, is air ar stiùireadh le Mandy Haggith, bàrd-maraiche à Asainte.  ’S ann mu dheidhinn na mara a tha an leabhar bàrdachd as ùire aige, Briny, agus air aoigheachd cuide rithe bidh leughadairean sònraichte à Iapan, Akiko Ogawa agus Tomoko Kanayama, agus Sarah Wagner à Canada.  Tha sibh làn di-beathte faclan feamnach a thoirt leibh airson a thoirt seachad, ge bith an e pìos a sgrìobh sibh fhèin, no bàrdachd no earrann as toigh leibh bho ùghdar eile.

Dealbh le Kier in Sight Archives air Unsplash