Thigibh gu seiseanan spòrsail le luchd-ealain, far am bi sinn a’ coimhead air aodainn! Bidh Cally agus Kathrhona a’ toirt sùil air fèin-phortraidean ainmeil, air dà mhadainn Dhisathairne, air 9 agus 16 Samhain, le fealla-dhà ann a bhith a’ cur dhaoine air pàipear.
Cuiridh sinn fàilte air clann aois 6-10 an toiseach, bho 10m – 11.15m, agus faodaidh clann aois 10+ tighinn bho 11.45m – 1f. Faodaidh inbhich iad fhèin a dhèanamh comhfhurtail sa chafaidh airson beagan fois is furtachd!
- Disathairne 9 Samhain, 10m – 11.15m, aois 6-10 – *tha am bùth-obrach seo a-nis làn
- Disathairne 9 Samhain, 11.45m – 1f, aois 10+
- Disathairne 16 Samhain, 10m – 11.15m, aois 6-10 – *tha am bùth-obrach seo a-nis làn
- Disathairne 16 Samhain, 11.45m – 1f, aois 10+
Tha na bùthan-obrach seo a’ faighinn taic bho Chomann Ealain Uibhist agus leis a sin tha iad gan tabhann an-asgaidh. Chan eil mòran àiteachan ann ged tà agus bu chòir dhuibh àite a ghlèidheadh ron àm. ’S urrainn dhuibh tiogaid an-asgaidh a ghlèidheadh gu h-ìosal, airson an latha agus aois a tha a dhìth oirbh.
Tha na bùthan-obrach gan tabhann ann an co-bhann le taisbeanadh ‘A’ Coimhead Oirnn Fhèin’, a tha ri fhaicinn an-asgaidh, ann an Gailearaidh a’ Chafaidh ann an Taigh Chearsabhagh, bho 3 Dàmhair – 30 Samhain, Diluain gu Disathairne, 10m-4f.
Còir-deilbhe: Sorcha Monk
