Tha e na thoileachas mòr dhuinn taisbeanadh de dhealbhan le Anndra Mac an Rìgh a chur an làthair. Tha Anndra na dhealbhadair Albannach ris na h-ealainean-cluiche agus (uaireannan) ri dreach na tìre a tha air ìomhaighean a thoirt seachad airson iomadh neach ainmeil ri ceòl is cluich ann an Alba agus air feadh an t-saoghail.
Thòisich e a’ togail dhealbhan de chòmhlain-chiùil na òige, gu tric a’ glacadh cuirm-chiùil, a’ ruith dhachaigh gus na h-ìomhaighean a leasachadh is a chlò-bhualadh an oidhche sin, an uair sin a’ tilleadh làrna-mhàireach gus na dealbhan a reic aig an ath chluich!
Rinn e rannsachadh foirmeil air dealbhadaireachd agus an uair sin ìomhaighean digiteach anns a’ cholaiste, ach tha Anndra den bheachd gu bheil an ealain aige ann an smior nan cnàmh – tha faireachdainn aige airson an t-àm a ghlacadh, a tha gu sònraichte doirbh ann an taighean-cluiche dorcha le solais mhòra. Tha na tàlantan sònraichte aige air ìomhaighean suaicheanta de dh’Albannaich air chuairt a chruthachadh thar nam bliadhnaichean – Big Country, Deacon Blue, Julie Fowlis, Simple Minds, KT Tunstall, Fish, Wolfstone, Lulu agus o chionn ghoiridy Skipinnish nam measg.
’S fheàrr aithne air Anndra airson na h-obrach aige leis a’ chòmhlan-chiùil Albannach, Runrig.
Fhuair Anndra cuireadh an toiseach a’ chuirm-chiùil mar chomharrachadh air 30 bliadhna aca aig Caisteal Shruighlea ann an 2003 a ghlacadh. Bha an còmhlan cho measail air an obair agus rinn iad ceangal ris mar am prìomh dhealbhadair aca bhon ìre sin gus an do sguir iad. Rinn e aithriseachd èifeachdach air an ìre mhath a h-uile cluich beò goirid an dèidh do Bruce Guthro is Brian Hurren tighinn dhan chòmhlan agus is ann ris cuideachd a bha mòran de na h-ìomhaighean is dealbhan sanasachd aca an urra airson iris an luchd-leanmhainn aca The Wire.
Tha Anndra den bheachd gu bheil an suidheachadh aige leis a’ chòmhlan na urram mòr. “Thar nam bliadhnaichean, tha iad air leigeil leam cothrom air leth fhaighinn air nithean mòra le Runrig”, tha e a’ toirt gu cuimhne, “Tha mi air mòran de na cuirmean mòra ann am bliadhnaichean deireannach a’ chòmhlain a ghlacadh agus air clàran fhaicinn gan cur an altaibh a chèile”.
Tha iomadh cuimhne chùbhraidh aig an dealbhadair, a’ glacadh an aon turais a chluich iad sna Stàitean ann an New York ann an 2006, an comharrachadh suaicheanta air 40 bliadhna Party on the Moor, sreath ainmeil nan cuirmean-ciùil aig Caisteal Dhùn Èideann, agus Turas a’ Mhìle mu Dheireadh ann an 2018 nam measg. Aonan na rudan as motha air a bheil e moiteil b’ e a bhith mar an dealbhadair air an taobh a-staigh, a’ cuideachd gus aithris a thoirt air turas-obrach, às an tàinig aig an deireadh an leabhar leis “The Story of the Tour”, ann an 2016. “Tha muinntir a’ chòmhlain gu lèir nan daoine laghach dha-rìribh agus math fhèin gu bhith ag obair leotha” thuirt Anndra. “Bha iad riamh fàilteachail agus taiceil ris na feumalachdan agam mar dhealbhadair agus an dèidh cha mhòr 20 bliadhna, tha mi cho fortanach am meas mar charaidean dha-rìribh”.
Mar dhealbhadair oifigeil Runrig o chionn còig bliadhna deug, tha Anndra air cruinneachadh mòr de dhealbhan a chàrnadh suas bho thursan Breatannach is Eòrpach a’ chòmhlain. Tha Anndra na fhear-gleidhidh air leabharlann Runrig far am faodar dealbhan a cheannach.
“Tha e na urram mòr dhomh cuireadh fhaighinn taisbeanadh aig Taigh Chearsabhagh, ach tha taghadh feadhainn de na h-ìomhaighean as fheàrr leam bho iomadh bliadhna agus na mìltean de dhealbhan air a bhith gu math doirbh – dh’fheuch mi ris an ealain agam a shealltainn ach cuideachd aonan de na còmhlain Albannach as fheàrr riamh a thaisbeanadh – tha mi an dòchas gun còrd iad riut”.
Fosgailte 10m gu 4f, Diluain gu Disathairne.
An-asgaidh agus fosgailte dhan h-uile duine.