Home > Event > Ann an còmhradh le Yasmin Davidson

Painting of a group sitting on grass having a picnic. Credit Yasmin Davidson.

Ann an còmhradh le Yasmin Davidson

A’ toirt taisbeanadh Dùthchas: tro lèirsinn a’ pheantair gu crìoch, tha sinn toilichte feasgar ‘ann an còmhradh’ a thabhann, leis an neach-ealain Yasmin Davidson, agus Andy MacFhionghain, Stiùiriche film Dùthchas.

’S e cruinneachadh obrach ùr a th’ ann an Dùthchas: Tro lèirsinn a’ pheantair, air a pheantadh bho dhealbhan-fhilm bho thasglann air Beàrnaraigh anns na 1960an agus 1970an, a chaidh a ghlacadh le Ann agus Bill Scott, agus air an sealltainn san fhilm aithriseach, Dùthchas | Home.

Nach tig sibh chun tachartais Finissage seo a chomharrachadh deireadh an taisbeanaidh aig Yasmin agus gus barrachd a chluinntinn mun obair aice agus na tha ga stiùireadh.  Bidh fàilte ron h-uile duine.

Rugadh Yasmin Davidson ann an Dùn Dèagh ann an 1990.  Dh’fhàs i suas sa bhaile agus bha i na h-oileanach anns na h-Ealain Saora aig Colaiste Ealain Duncan of Jordanstone, a’ ceumnachadh ann an 2013.  Bha Davidson uair a’ fuireach ann an Canada agus tha i air siubhal air feadh nan Stàitean Aonaichte.  Ghluais i gu Uibhist a Tuath ann an 2019 agus tha i a-nis a’ fuireach agus ag obair ann am Beàrnaraigh.  Bidh Yasmin Davidson tric a’ taisbeanadh a h-obair cuide ri Comann Ealain Uibhist agus ann an gailearaidhean air feadh nan Eilean Siar.

Bidh an tachartas seo an-asgaidh – ach bhiodh tabhartas airson na deochan na chuideachadh.

Còir-deilbhe: Yasmin Davidson