‘Description is revelation!’ dh’innis Micheal McLaverty do Sheumas Heaney gu h-òg nuair a thadhail e air an sgrìobhadair na bu shine. Bheir a’ bhuidheann-obrach aig Gerry Cambridge sùil, tro eisimpleirean, air a’ chuideam air a bhith a’ sealltainn gu cruinn ann a bhith a’ sgrìobhadh gu math, biodh e ann am bàrdachd no ann an rosg.
Tha Gerry Cambridge na bhàrd agus is e The Light Acknowledgers (HappenStance Press, 2019) an siathamh duanaire is an duanaire as ùire aige. Stèidhich e an iris a bhuineas ri dà thaobh a’ Chuain Mhòir The Dark Horse, agus is i prìomh iris na bàrdachd ann an Alba fhathast, ann an 1995. Tha e cuideachd ri aistidhean, dealbhadh is suidheachadh clò, agus an sàs ann an dealbhan de shaoghal an nàdair agus ùidh fad a bheatha ann an saoghal an nàdair. Dh’fhuirich e ann an carabhan ann an Siorrachd Àir fad fichead bliadhna mus do dh’fhàg e gus a bhith na Sgrìobhadair Brownsbank air Mhuinntireas bho 1997 gu 1999 san taigh a bh’ aig Ùisdean MacDhiarmaid. Tha e air a bhith na Sgrìobhadair air Mhuinntireas aig Urras Rìoghail Litreachais aig Oilthigh Dhùn Èideann (2007 gu 2009) agus aig Oilthigh Cailleannach Ghlaschu (2010 gu 2012). Gu tràth sna ficheadan aige b’ e, fhad ’s as fhiosraich e, air aonan de na sgrìobhadairean saor-lannsa a b’ òige, a’ sgrìobhadh aistidhean air an nàdar gu h-àraidh, airson Reader’s Digest na RA, aig an robh aig an àm (na 1980an) luchd-leughaidh an comhair na mìos de 1.5 mhillean.
Bidh Gerry cuideachd a’ cumail feasgair bàrdachd aig Taigh Chearsabhagh air Diardaoin 27 Dàmhair. Airson barrachd fiosrachaidh agus àite chur an dara taobh, nach tadhail thu air duilleag an tachartais.
Bu toil le Taigh Chearsabhagh taing a thoirt do Live Literature Scotland airson an taic.