Home > Event > Bùth-obrach Sgrìobhaidh le Jenny Lindsay

Bùth-obrach Sgrìobhaidh le Jenny Lindsay

Nach tig sibh comhla ri Jenny Lindsay airson a dol a-mach air àite, ìomhaigh is dualchas ann an bùth-obrach sgrìobhaidh an cois an taisbeanaidh leanmhainnich Searching Erskine.

Tha Jenny Lindsay na sgrìobhadair, na bàrd agus na neach-cluiche, a tha cuideachd an sàs ann an cur air dòigh thachartasan litreachais. Ghlèidh i Duais John Byrne airson Breitheachadh ann an 2020 agus thathar air tuairisgeul a thoirt air an t-saothair as ùire leatha, This Script, mar “calma, toinnte … agus daonnan drùidhteach is annasach glic” leis an Albannach. Tha i a’ fuireach ann an Siorrachd Àir far a bheil i ag obair air a’ chiad nobhail agus air an treas cruinneachadh bàrdachd leatha.

A bharrachd air an sin, bidh Jenny a’ comasachadh feasgar bàrdachd aig Taigh Chearsabhagh air Diardaoin 26 Cèitean. Airson tuilleadh fios agus cothrom àite a ghlèidheadh, tadhal air duilleag an tachartas.

Tha Searching Erskine na thaisbeanadh de dhealbhan-fuaime, de chlò, de dhealbhan, agus de dh’obair-tharraing bho Arun Sood, Rosalind Blake, Emile Kees, agus Meg Rodger, agus iad a-mach air ceanglaichean ri eilean-tràghaidh Bhàlaigh. Thathar ga thaisbeanadh ann an Gailearaidh 1 aig Taigh Chearsabhagh an-dràsta.

Bu toil le Taigh Chearsabhagh taing a thoirt do Live Literature Scotland airson an taic.