Airson comharrachadh gu bheil goireasan Clò-bhualaidh agus Seòmar Dorcha Thaigh Chearsabhaigh gam fosgladh as ùr, tha fiathachadh agaibh gu bùth-obrach Clò-bhualaidh Drypoint agus bùth-obrach dealbhan Photogram. Thigibh a dh’fhaicinn agus a dh’fheuchainn na goireasean ùraichte sibh fhein! Bidh seo na dheagh chothrom spòrsail airson ionnsachadh mu dheidhinn na stiùideothan againn no am feuchainn as ùr, ge bith an robh thu riamh ann roimhe no gu bheil thu eòlach is sgileil nan cleachdadh.
An dèidh nam bùthan-obrach, tha a h-uile duine làn di-beathte cruinneachadh cuide rinn airson cothrom shòisealta eadar 6f-8f (ged nach biodh sibh aig fear de na bùthan-obrach). A bharrachd air greimean-bìdhe agus deochan, bidh cothrom ann air cuairt fhaighinn timcheall an stiùideo Chlò-bhualaidh agus an t-Seòmair Dhorcha, agus cluinntinn mu dheidhinn planaichean is leasachaidhean ri thighinn. Chan fheum thu àite a ghlèidheadh airson tighinn chun chothrom shòisealta.
–
Bidh na bùthan-obrach an-asgaidh agus a’ ruith bho 4f-6f anns an Stiùideo Clò-bhualaidh agus san t-Seòmar Dorcha. Gheibh sibh a-staigh tro Ghailearaidh 1. Tha na bùthan-obrach fosgailte do dhuine sam bith bho luchd-tòiseachaidh air adhart, aois 12+.
Drypoint – a’ dèanamh dealbh gun searbhag le gob thioram – airson ìomhaigh a dhèanamh de dhealbh a ghabhas clò-bhuladh an dèidh inc a chur air. Faodaidh luchd-frithealaich dealbh loidhneachan a thoirt leotha nam bu toigh leotha a chlò-bualadh. Àite airson 8 luchd-frithealaich uile gu lèir.
Photogram – a’ cruthachadh dealbhan clo-bhuailte às aonais camara, tro bhith a’ laighe rudan air muin a chèile air pàipear dealbhadaireachd agus ga chur fo sholas. Faodaidh luchd-frithealaich nithean a thoirt leotha a bu toigh leotha obrachadh leis – bidh rudan trid-dhealrach ag obrachadh gu math mar thoiseach tòiseachaidh. Àite airson 6 luchd-frithealaich uile gu lèir.
Chan eil mòran àiteachan ann airson na bùthan-obrach is mar sin feumar àite a ghlèidheadh; cleachdaibh an t-siostam air-loidhne gu h-ìosal airson àite a ghlèidheadh an-asgaidh. Ma ghlèidheas sibh àite agus nach urrainn dhuibh an uair sin tighinn ann air adhbhar sam bith, bhiomaid nur comain nan cuireadh sibh fios gu taigh@taigh-chearsabhagh.org cho luath ’s as urrainn dhuibh, gus an urrainn dhuinn a thabhann do chuideigin eile.
–
Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.
Còir-deilbh: Nicola Neate, 2022