Leis mar a tha glasadh-sluaigh a’ choròna-bhìorais a’ leantail bidh an t-Urras a’ cumail
Coinneamh Choitcheann Bhliadhnail air Zoom
Dimàirt 26mh dhen Chèitean aig 6.30f
Tha fàilte ro na h-uile. Cuiribh brath gu admin@taigh-chearsabhagh.org ro Dhiciadain 20mh dhen Chèitean gus ùidh a chlàradh agus ceangal-lìn dhan choinneamh fhaighinn.
CUIDEACHD
Gairm airson Urrasairean Ùra
’S e ionad ealain, dualchais, ionnsachaidh is sòisealta a th’ ann an Taigh-tasgaidh is Ionad Ealain Taigh Chearsabhagh, suidhichte ann an Loch nam Madadh, Uibhist a Tuath, a bhios a’ frithealadh air coimhearsnachd Uibhist agus an luchd-tadhail a thig do na h-Eileanan an Iar.
Bidh na tachartasan uile againn a’ cur ris an lèirsinn gus “an dualchas cultarail, cànan na Gàidhlig agus iomadachd ealanach dhen ÀITE AGAINNE a chomharrachadh, a rannsachadh, a cho-roinn agus a sgaoileadh do dhaoine.”
’S e carthannas Albannach agus companaidh earrannta a th’ ann an Urras Taigh Chearsabhagh. Bu mhath leinn cur ri farsaingeachd eòlais a’ Bhùird-stiùiridh againn agus cuireadh a thoirt do dhaoine, gu h-ionadail agus nas fhaide thall, aig a bheil dealas do dh’Uibhist, na h-Ealain, Cultar agus Dualchas a bhith a’ gabhail gnothach ri dealbhadh agus stiùireadh Taigh Chearsabhagh san ùine romhainn. Chuireamaid fàilte shònraichte air daoine le eòlas ionmhasail agus rèic/solair. Tha daoine le Gàidhlig gam brosnachadh gu cur a-steach.
Ma tha ùidh agaibh cuiribh brath thugainn a’ sònrachadh ur cuid sgilean is eòlais, cho math ri fiosrachadh conaltraidh agus cv gu: recruitment@taigh-chearsabhagh.org. Faodaidh daoine brath a chur leis a’ fòn gu 07775 727850.