Thigibh còmhla rinn airson sealltainn na tha sibhse airson fhaicinn ann an Uibhist san àm ri teachd, air a chur ri chèile tro chollage de sheann phostairean, irisean is pàipear.
Bidh an seisean seo freagarrach don teaghlach air fad agus fosgailte do dhuine sam bith tighinn ann. An-asgaidh agus freagarrach air gach aois. Tadhalaibh a-steach aig àm sam bith, bidh deochan rim faighinn cuideachd.
Cùl-fhiosrachaidh
Tha Sorcha Monk agus Emily Durie a’ stiùireadh ghrunnan bhùthan-obrach sa choimhearsnachd, a’ dèanamh rudan le stuthan a bhiodh gan cur dhan sgudal, leithid seann leabhraichean agus aodach. Aig na seiseanan seo, faodaidh daoine bruidhinn air draghan sam bith mun ghnàth-shìde, agus beachdan air dè ghabhadh dèanamh airson Uibhist. Bidh na còmhraidhean seo a’ cur ri Plana Gnìomh do dh’Uibhist leis an Treas Roinn, a thèid a sgrìobhadh le UCVO agus Community Energy Scotland. Le taic-airgid bho Carbon Neutral Islands.
