Home > Event > Dealbhan-grèine nan lus le Margaret Joan NicIosaig

Dealbhan-grèine nan lus le Margaret Joan NicIosaig

Tha Cyanotype air aon de na meadhanan dealbhadaireachd as sine a th’ ann; a’ cur feum air solas na grèine gus ìomhaighean a chruthachadh air pàipear. Nach tig thu leinn gus riochdan annasach a dhèanamh a’ cur feum air sìtheanan is duilleagan.

Fàgaidh na faileasan air a’ phàipear an làrach, a’ cruthachadh ìomhaigh shìmplidh air a bheil photogram.

Air a choimiseanadh le Sorcha Monk, Riochdaire Cruthachail Gàrradh Uibhist a Tuath.  

Gus barrachd fhaighinn a-mach mu phròiseact a’ Ghàrraidh Ris Nach Robh Dùil aig na Beàrnain-Bhrìde, tadhail air duilleag pròiseact a’ Ghàrraidh. Bidh prògram an t-samhraidh fo bhlàth agus an t-sìde a’ blàthachadh, agus ma tha thu ag iarraidh dol gu tachartasan eile leis na Beàrnain-Bhrìde san àm ri teachd, cuir t’ ainm ris a’ chuairt-litir againn aig bonn na duilleig-lìn seo. Faodaidh tu Taigh Chearsabhagh a leantainn cuideachd air na meadhanan sòisealta airson fios, no tadhal às ùr air duilleag pròiseact a’ Ghàrraidh, a thèid ùrachadh gu cunbhalach.