Home > Event > Donald McLeod Retrospective: The Receding Tide

Pointillist painting in dark orange and black, and layered rock in yellow and light blue colouring below.

Donald McLeod Retrospective: The Receding Tide

Taisbeanadh a’ toirt sùil air ais air obair le fear-ealain agus fear-teagaisg às an àite, Dòmhnall MacLeòid nach maireann (1948-2016), a’ mhòr-chuid dheth na obair ealain mhòr, iomadh-mheadhanach, air cuspair geòlas agus a’ chosta.  Chaidh an obair san chruinneachadh seo a chruthachadh tràth anns an 2000an, air a bhrosnachadh le na sreathan suainte san gneiss Leòdhasach a tha ri fhaighinn ann an Uibhist, cuid den chreag as sine air a’ phlanaid, timcheall air 3 billean bliadhna a dh’aois.

Tha fàilte oirbh tighinn gu ro-shealladh an taisbeanaidh, ann an Taigh Chearsabhagh air Dihaoine 9 Gearran, aig 7f.  Bidh seo an-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine.

Bidh Nach Buidhe Dhuibh! na bhùth-obrach peantaidh neo-fhoirmeil air a bhrosnachadh leis na dealbhan aig Yasmin Davidson agus Dòmhnall MacLeòid, a’ tachairt air 24 den Gearran.

Rinn Dòmhnall measgachadh de dh’obair thairis air 40 bliadhna.  Bha e coileanta ann an dealbhachadh phlanaichean, peantadh, togail dheilbh agus clò-bhualadh, is e an dèidh a bhith na oileanach ann an Sgoil Ealain Ghlaschu agus an dèidh sin aig Colaiste Togail is Clò-bhualaidh Ghlaschu, far an do cheumnaich e le urram an oileanach a b’ fheàrr.  Bha an sreath obrach iomadh-mheadhan aige air a bhrosnachadh le The Receding Tide, agus an ceann ùine b’ e sin an t-ainm a ghabh e.  Chaidh a leasachadh mar dhòigh air mìneachadh cruth-tìre costa Uibhist ann an stoidhle pointillist, dòigh obrach anns an robh barrachd is barrachd ùidh aige, agus mar thoradh air a sin a thug mìosan de dh’obair mhionaideach airson a chruthachadh.

Leughaibh barrachd mu bheatha agus obair am fear-ealain, an seo: Donald McLeod essay & biography

‘S urrainn dhuibh leabhran dathte, 20 duilleag a dh’fhaid, mu dheidhinn an obair agus an taisbeanadh a cheannach airson £5, sa bhùth ann an Taigh Chearsabhagh, no tron bhùth air-loidhne againn.

Dealbh de dhuilleag ann an leabhran Donald McLeod Retrospective.

Tha an taisbeanadh fosgailte ann an Gailearaidh 1 bho 10 Gearran gu 4 Cèitean, Diluain gu Disathairne, 10m-4f.   Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.