Home > Event > Feasgar bàrdachd: Cur air bhog leabhran Buidheann Sgrìobhadairean Uibhist

Feasgar bàrdachd: Cur air bhog leabhran Buidheann Sgrìobhadairean Uibhist

Bidh fàilte romhaibh uile aig an tachartasan neo-fhoirmeil, shocair seo air a chur air adhart le buill Buidheann Sgrìobhadairean Uibhist. Bidh iad a’ foillseachadh reflection / faileasan, an 10mh cruinneachadh aca de dhàin is rosg, agus a’ comharrachadh beatha sna h-eileanan tro bhàrdachd, ceòl is òrain.

Bidh Buidheann Sgrìobhadairean Uibhist a’ coinneachadh uair sa mhìos, air an stiùireadh le Pauline Prior-Pitt. Thòisich e ann an 2009 agus tha ballrachd de dhusan ann.

–

Tha an tachartas seo mar phàirt de phrògram Bàrd aig gach Acarsaid, ann an co-bhann ris an Southbank Centre agus Leabharlann Nàiseanta na Bàrdachd. Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh an seo mu dheidhinn tachartasan Bàrd aig gach Acarsaid ann an Uibhist a Tuath, agus Bhana Leabharlann Nàiseanta na Bàrdachd a bhios a’ tadhal oirnn. Tha tuilleadh fiosrachaidh mu phròiseact Bàrd aig gach Acarsaid an seo.