Tha Taigh Chearsabhagh a’ coimhead air adhart ri fàilte a chur air Bhana Leabharlann Nàiseanta na Bàrdachd mar phàirt de chuairt Bàrd aig Gach Acarsaid is iad a’ tadhal ann an Uibhist air Dimàirt 16 agus Diciadain 17 an t-Ògmhios.
’S e pròiseact bhon Southbank Centre a th’ ann am Bàrd aig Gach Acarsaid, a tha ag amas air an fharsaingeachd de dhualchaintean is cànain san Rìoghachd Aonaichte a chomharrachadh, le bhith ag innse sgeulachdan na coimhearsnachdan air an oirthìr agus sealltainn gu bheil bàrdachd ann don h-uile duine.
Ann an co-bhann ris an Southbank Centre, bidh an leabharlann sealach air a lìonadh le leabhraichean, goireasan agus cur-seachadan a bhios a’ comharrachadh cultar is cànain ionadail tro bhàrdachd. ‘S urrainn dhuibh tadhal a-steach gu Bhana an Leabharlann, an-asgaidh, a choimhead air na cruinneachaidhean, clàradh a dhèanamh agus pàirt a ghabhail ann an tachartasan leithid Farpais Bàrdachd Iomlaid Fhacail. Tha prògram loma làn againn a tha a’ dèanamh eadar-mhìneachadh agus deuchainn air cleachdaidhean ionadail tro dhàin, òrain agus litreachas, agus tha fiathachadh aig a h-uile duine pàirt a ghabhail ann!
Bàrd anns gach Acarsaid, Uibhist: Susannah Bolton

Chaidh an neach-ealain is sgrìobhadair Susannah Bolton a thaghadh mar bhàrd Uibhist airson an New Poets Collective aig an Southbank Centre agus Leabharlann Nàiseanta na Bàrdachd, gus an 75mh ceann-bliadhna aig an Southbank Centre a chomharrachadh.
Tha ùidh aig Susannah ann an eòlas fhillte, gnìomhan taiceil agus structaran fhighte. Tha an obair aca tric a’ nochdadh mar chruthan fhighte air neo teacsaichean chòmhraideach. Thug iad seachad taisbeanadh co-sheirmeach agus leabhran ‘Gam Thàladh’ aig ‘Strange lands still bear common ground’ (Fèis Ealain Lèirsinneach TULCA, Gailleimh, curaidichte le Beulah Ezeugo), agus bho chionn ghoirid sgrìobh iad bàrdachd airson cuairt-dhoras ann an còmhradh le taisbeanadh le AJ Stockwell.
PRÒGRAM THACHARTASAN UIBHIST
DIMÀIRT 16 ÒGMHIOS
Bùth-obrach Ealain do sgoiltean: Ath-obrachadh Fìorachd cuide ri Susannah Bolton
Bidh an neach-ealain is sgrìobhadair Susannah Bolton a’ dol sgrìob cuide ri Bhana Leabharlann na Bàrdachd a Sgoil Lìonacleit agus gu Sgoil Uibhist a Tuath le bùthan-obrach bàrdachd spòrsail dha na h-oileanaich. A’ togail air an obair ealain aice, bidh Susannah a’ sealltainn dhòighean-obrach collage airson beagan fealla-dhà air an t-slighe gu fèin-dreachadh. Tha iad an dòchas cluinntinn mu na dòighean anns am bi daoine òga a’ tighinn beò ann an Uibhist, airson faclan agus beachdan ùra fhaighinn mun t-saoghal tro shùilean nan eileanach.
–
DIMÀIRT 16 ÒGMHIOS
Feasgar bàrdachd: Cur air bhog leabhran Buidheann Sgrìobhadairean Uibhist
Taigh Chearsabhagh, 1930 – 2100
Bidh fàilte romhaibh uile aig Feasgar Bàrdachd neo-fhoirmeil, shocair, air Dimàirt 16 Ògmhios aig 7.30f, air a chur air adhart le buill Buidheann Sgrìobhadairean Uibhist. Bidh a’ bhuidheann a’ foillseachadh reflection / faileasan, an 10mh cruinneachadh aca de dhàin is rosg, agus a’ comharrachadh beatha sna h-eileanan tro bhàrdachd, ceòl is òrain. Chan fheum sibh tiogaid, thigibh ann airson feasgar thlachdmhor de leughaidhean bho sgrìobhadairean ionadail. An-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine!
Bidh Buidheann Sgrìobhadairean Uibhist a’ coinneachadh uair sa mhìos, air an stiùireadh le Pauline Prior-Pitt. Thòisich e ann an 2009 agus tha ballrachd de dhusan ann.
–
DICIADAIN 10 ÒGMHIOS
Tadhal air Bhana Leabharlann na Bàrdachd
Taigh Chearsabhagh, 1000 – 1600
Bidh Bhana Leabharlann na Bàrdachd ann am pairc-chàraichean Thaigh Chearsabhagh fad an latha. Tha fàilte oirbh tadhal is coimhead tron chruinneachadh lìonmhor sa bhana, le taghadh de dh’fhoillsichidhean is sgrìobhadh bho Uibhist na lùib. Cuiribh beagan ùine seachad a’ leughadh bàrdachd ainmeil air neo lorgaibh guthan ùra. ’S dòcha gum bi sibh ag iarraidh a’ bhàrdachd Iomlaid Fhacail agaibh fhèin a chur an cèill – faodaidh sibh an uair sin a chlàradh ann an stiùidio clàraidh a’ bhana! Tha measgachadh de gheamannan ann a dh’fhaodas sibh feuchainn cuideachd – thoiribh leibh an teaghlach agus chì sibh càite an tèid sibh le na faclan.
–
DICIADAIN 10 ÒGMHIOS
Bùth-obrach ealain: Never fall in love with a rock* le AJ Stockwell
Taigh Chearsabhagh, 1400 – 1500
Sa bhùth-obrach ealain an-asgaidh seo le AJ Stockwell, bidh sinn a’ beachdachadh air na diofar dhòighean anns a bheil dàimhean a’ chinne-daonna le geo-eòlas air an cur an cèill ann an sgrìobhadh. A’ cleachdadh dòigh-obrach “às-tharraingeach” bidh sinn an uairsin a’ cruthachadh a’ bhàrdachd ghoirid againn fhèin, a’ meòrachadh air an dàimh againne le stuthan geo-èolach aithnichte. Chan fheum sibh tiogaid a ghlèidheadh ron àm, thigibh gu Gailearaidh 1 is ’s urrainn dhuibh gabhail pàirt cuide rinn!
*tha an tiotal air a thogail bho Dyke (geology) le Sabrina Imbler
–
DICIADAIN 10 ÒGMHIOS
Oidhche Sgrìob
Taigh Chearsabhagh, 1900 – 2100
Thigibh còmhla rinn airson oidhche Sgrìob deuchainneil a bhios a’ tabhann taisbeanaidhean air an cur air dòigh ro laimh agus cuideachd ùrlar fhosgailte airson sealltainn agus feuchainn stuthan deuchainneil ann an sgrìobhadh agus cànan. Bhiodh sinn toilichte cluinntinn sgeulachdan, bàrdachd, còmhraidhean, òrain, rannan, teipichean measgaichte no dad a tha a’ còrdadh ribh! Tha caraidean is srainnsearan air am fiathachadh gus stuthan a thoirt seachad, ma dh’fhaoite pìosan nach eil air an crìochnachadh fhathast, no obair choileanta ghleansach, gus àite coimhearsnachd a chruthachadh airson èisteachd, tàr-chur agus còmhradh.
An lùib a’ phrògram airson na h-oidhche, bidh bàrd Uibhist airson pròiseact Bàrd aig gach Acarsaid, Susannah Bolton, a’ taisbeanadh taghadh de bhàrdachd ùr cuide ri ulaidhean bho thasglainn. Le cànan a tha a’ gluasad eadar Gàidhlig is Beurla, fìorachd is ficsean, staigh-shealladh agus tìrean fharsaing, tha an obair fhillte aig Susannah a’ tarraing ri chèile sealladh air beatha air a fhreumachadh ann an àite. Chaidh an obair aca a mheas mar ‘lèirsinneil agus corpaichte’ agus ‘àileach – tha thu a’ faireachdainn an ciall’.
Mar thoradh air na th’ ann de thàlant, tha am prògram airson oidhche Sgrìob a-nis làn! Thigibh ann a dh’èisteachd prògram làn, agus nach leig sibh fhaicinn dhuinn nam bu toigh leibh pàirt a ghabhail ann an Sgrìob eile uaireigin eile? An-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine!

