Home > Event > Bùth-obrach ealain: Never fall in love with a rock* le AJ Stockwell

Bùth-obrach ealain: Never fall in love with a rock* le AJ Stockwell

Sa bhùth-obrach seo le AJ Stockwell, bidh sinn a’ beachdachadh air na diofar dhòighean anns a bheil dàimhean a’ chinne-daonna le geòlas air an cur an cèill ann an sgrìobhadh. A’ cleachdadh dòigh-obrach “às-tharraingeach” bidh sinn an uairsin a’ cruthachadh a’ bhàrdachd ghoirid againn fhèin, a’ meòrachadh air an dàimh againne le stuthan geòlach aithnichte.

Tha an obair ioma-mòdail aig AJ Stockwell a’ dol tarsainn snaidheadh, fuaim, taisbeanadh agus stàlladh. Tric a’ gabhail iasad air cànain bho dhiosaplainean eile, tha an obair aca a’ meòrachadh air an ceangal corparra a th’ againn ri àite, tro theanga meudaichte. Tha an obair aca a’ coimhead as ùr air an dàimh eadar bhodhaigean daonna agus geòlach, tro lionsa cuèir agus niùro-iomadach.

*tha an tiotal air a thogail bho Dyke (geology) le Sabrina Imbler

–

Tha an tachartas seo mar phàirt de phrògram Bàrd aig gach Acarsaid, ann an co-bhann ris an Southbank Centre agus Leabharlann Nàiseanta na Bàrdachd. Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh an seo mu dheidhinn tachartasan Bàrd aig gach Acarsaid ann an Uibhist a Tuath, agus Bhana Leabharlann Nàiseanta na Bàrdachd a bhios a’ tadhal oirnn. Tha tuilleadh fiosrachaidh mu phròiseact Bàrd aig gach Acarsaid an seo.