Home > Event > Feasgar bàrdachd le Niall Caimbeul

Feasgar bàrdachd le Niall Caimbeul

Airson an ath fheasgar bàrdachd againn, air Diardaoin 25 Ògmhios, tha sinn toilichte fàilte a chur air Niall Caimbeul gus leughadh bhon chruinneachadh ùr aige, Island in the Sound. Bidh fàilte romhaibh ann! Agus nam bu toigh leibh fhèin leughadh dhuinn, ’s e fiadh-bheatha nan eilean cuspair na h-oidhche, a’ ceangal le taisbeanadh Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean a tha ga shealltainn sa Chafaidh. 

Bidh Niall cuideachd a’ cumail Bùth-obrach Sgrìobhaidh ann an Taigh Chearsabhagh air Dihaoine 26 Ògmhios, 10.30m. Chan eil mòran àiteachan ann is bu chòir dhuibh tiogaid a ghlèidheadh ron àm.

Rugadh is thogadh Niall ann an Uibhist a Deas is tha e a-nis a’ fuireach ann am Fìobha. Seo an treas foillseachadh aige. Choisinn a’ chiad chruinneachadh aige, Moontide, Duais Bhàrdachd Edwin Morgan agus Leabhar na Bliadhna aig Comann Crann na h-Alba. Bha Moonside cuideachd air a’ gheàrr-liosta aig Forward Prize airson Ciad Cruinneachadh As Fheàrr agus Aldeburgh Prize airson Ciad Cruinneachadh As Fheàrr. Bha an darna cruinneachadh aige, Noctuary, air a’ gheàrr-liosta aig Forward Prize airson Cruinneachadh As Fheàrr ann an 2019.

A bharrachd air sgrìobhadh bàrdachd, tha Niall air a bhith na sgrìobhadair airson  BBC Philharmonic Orchestra agus Scottish Chamber Orchestra. Tha e cuideachd na dheasaiche airson ìris bàrdachd chliùiteach, Poetry London.

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.