Thigibh còmhla rinn air Diluain de Sheachdain Leabhraichean na h-Alba 2023 airson èisteachd ris a’ bhàrd is sgrìobhadair, Eve NicLachlainn, is i a’ leughadh taghadh den bhàrdachd aice. Tha Eve a’ fuireach is ag obair ann an Uibhist, na neach-naidheachd a’ sgrìobhadh aithrisean bhon choimhearsnachd. Bidh i tric a’ toirt tlachd don luchd-èisteachd, a’ leughadh na dàin aice fhèin, aig na feasgaran bàrdachd againn ann an Taigh Chearsabhagh.
Bidh fàilte romhaibh aig an tachartas seo air Diluain 18 Samhain, aig 7.30f, is deagh chothrom an seo barrachd a chluinntinn bho Eve.
An dèidh an leughaidh, bidh seisean againn le Mic Fhosgailte, is bidh sibh làn dì-beathte pìos bàrdachd a leughadh dhuinn, air cuspair Dòchais. Gabhaidh seo a mhìneachadh ann an dòigh sam bith air an smaoinich sibh, beul an latha ùr, dòchas airson an t-saoghail, tha an nì as fheàrr ri thighinn… dè an dath a th’ air dòchas? ’S urrainn dhuibh cuideachd pìos a chur ris a’ bhàrdachd “Cuir loidhne ris” againn airson na seachdain-sa.
Tha an tachartas seo ga chumail mar phàirt de Sheachdain Leabhraichean na h-Alba, a’ brosnachadh dòchais den h-uile seòrsa cruth. An lùib a’ phrògram thachartasan againn airson Seachdain Leabhraichean na h-Alba am bliadhna-sa tha:
- Diardaoin 21 Samhain, 2.30f: Bùth-obrach Sgrìobhadh Cruthachail & Dìnnear Coimhearsnachd – Pòcaidean Toileachais, le Katharine NicPhàrlainn
- Diardaoin 21 Samhain, 7.30f: Tha an nì as fheàrr ti thighinn: Aithris Fhaclan le Katharine NicPhàrlainn
- Dihaoine 22 Samhain, 7.00f: Fosgladh taisbeanadh Aithrisean Eigh-shruthail, A’ Chaibideil Ghraonlannach, le cuir air bhog leabhar an taisbeanaidh
Tha am feasgar bàrdachd air Diluain an-asgaidh, ach nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.
