Bidh Fèill Nollaige aig Taigh Chearsabhagh, le bùird bhon luchd-ciùird ionadail tàlantach againn, mar The Birlinn Yarn Company agus Caim Candles.
Tha sinn cuideachd air cuireadh a thoirt don ùghdar agus sgrìobhadair sgrion Emily Dodd bùth-obrach sgeulachd a dhèanamh aig 11.30m airson teaghlaichean le clann aois 3-6. Tha gaol aig Emily air saidheans agus fiadh-bheatha. Tha i na ùghdar air leabhraichean dhealbhan agus leabhraichean saidheans neo-fhicsean, sgrìobhadair sgrion airson CBeebies agus sgrìobhadair dhealbhan-cluiche rèidio a’ BhBC airson clann.
Bidh an cafaidh fosgailte agus a’ frithealadh biadh Nollaige tron latha. Thèid solais Nollaige coimhearsnachd Lochmaddy a chuir air às deidh dol fodha na grèine aig 4.30f, le fìon mìlsichte agus nibbles airson a dhol còmhla ris a’ chomharrachadh.
Dealbh: ‘Drift Ice: Loss and Change’ le Ealasaid Bourne mar a chithear anns an taisbeanadh Euchdan Eigheachdail anns na gailearaidhean.