Home > Event > Feuch dathan nàdarra le Deirdre Nelson *Làn*

Feuch dathan nàdarra le Deirdre Nelson *Làn*

Tha a’ bhùth-obrach seo a-nis làn.  Cuiribh post-d gu taigh@taigh-chearsabhagh.org leis an ainm agus àireamh fòn agaibh air eagal ’s gum bi àite a bharrachd ri fhaighinn fhathast, no airson ùidh a shealltainn nam biodh a’ bhùth-obrach seo ga chumail a-rithist.

Tha an neach-ealain Deirdre Nelson a’ beachdachadh air cuspairean pailteas agus stòras ann an Uibhist.  Thig còmhla rithe airson feuchainn obrachadh le dathan nàdurra agus cruthaich obair-chlòtha airson Fèis Àm Buain a bhios againn san t-Sultain.  Chan eil tòrr àiteachan sa bhùth-obrach seo is mar sin bu chòir dhuibh àite a ghlèidheadh.  Tha a’ bhùth-obrach seo fosgailte do dh’inbhich, agus do dhaoine òga aois 12 agus a bharrachd. 

Gus barrachd fhaighinn a-mach mu phròiseact a’ Ghàrraidh Ris Nach Robh Dùil aig na Beàrnain-Bhrìde, tadhail air duilleag pròiseact a’ Ghàrraidh. Bidh prògram an t-samhraidh fo bhlàth agus an t-sìde a’ blàthachadh, agus ma tha thu ag iarraidh dol gu tachartasan eile leis na Beàrnain-Bhrìde san àm ri teachd, cuir t’ ainm ris a’ chuairt-litir againn aig bonn na duilleig-lìn seo. Faodaidh tu Taigh Chearsabhagh a leantainn cuideachd air na meadhanan sòisealta airson fios, no tadhal às ùr air duilleag pròiseact a’ Ghàrraidh, a thèid ùrachadh gu cunbhalach.