Iomlaid eadar-nàiseanta clò-bhualaidh!
Tha Taigh Chearsabhagh toilichte taghadh beag bho phròiseact Iomlaid Clò-bhualaidh 20:20 airson a’ bhliadhna 2025 a thaisbeanadh, le tabhartas bhon bhuidheann aig Àite-obrach Clò-bhualaidh + Seòmar Dorcha Thaigh Chearsabhagh na mheasg.
A’ gabhail pàirt às leth Taigh Chearsabhagh tha: Margaret MacLellan, Kathrhona Lawson, Ania Rolinska, Sue Envil agus Caroline Williams.
Chì sibh an obair aca airson na h-ìomairt bheòthail seo, ann an Gailearaidh a’ Chafaidh bho 30 Faoilleach – 14 Gearran 2026.
Sgeulachd na h-Iomlaid
Thòisich Iomlaid Clò-bhualaidh 20:20 ann an 2009, airson ceangal a dhèanamh eadar dà àite clò-bhualaidh le ainmean a bha caran coltach ri chèile, Hot Bed Press agus Red Hot Press, agus às a sin thàinig pròiseact nas motha airson ceangal a thogail eadar àitean clò-bhualaidh air feadh na Rìoghachd Aonaichte agus air feadh an t-saoghail, agus bha Iomlaid Clò-bhualaidh 20:20 beò…
’S e beachd gu math sìmplidh a tha air cùlaibh na h-iomlaid…
Bidh gach neach-ealain a’ cruthachadh iris de 25 clò-bhualadh. Bidh buidhnean de chòignear luchd-ealain a’ cur an obair aca gu Hot Bed Press, mar bhuill de stiùidio clò-bhualaidh, colaiste no de chruinneachadh sam bith. An dèidh oidhirp ionmholta gan seòrsachadh aig Hot Bed Press, bidh gach neach-ealain agus àite clò-bhualaidh a’ faighinn measgachadh de 20 pìos clò-bhualaidh.
Tha iomlaid ga dhèanamh air obair clò-bhualaidh, tha e ga thaisbeanadh agus ga roinn le coimhearsnachd bheòthail clò-bhualaidh air feadh an t-saoghail!
Cothroman agus goireasan aig Taigh Chearsabhagh
Bùthan-obrach tòiseachaidh ann an Clò-bhualadh agus Dealbhadaireachd
Tha an t-Àite-obrach Clò-bhualaidh agus an Seòmar Dorcha againn a’ tabhann àrainneachd chruthachail am meadhan Taigh Chearsabhagh. Ma tha sibh nur neach-ealain agus ag iarraidh dòigh-obrach ùr ionnsachadh, no ma tha sibh dìreach a’ tòiseachadh, bheir na bùthan-obrach luchd-tòiseachaidh seo deagh thuigse dhuibh air mar a chleachdas sibh an t-Àite-obrach Clò-bhualaidh agus/no an Seòmar Dorcha.
Gheibh sibh ionnsachadh a leigeas leibh na h-àiteachan-obrach seo a chleachdadh le misneach, gus an obair agaibh a leasachadh gu leantainneach. Tha na cùrsaichean air an cur air dòigh leis a’ mhiann clasaichean ruigsinneach, spòrsail agus cruthachail a thabhann ann an Clò-bhualadaireach agus Dealbhadaireachd, do luchd-tòiseachaidh agus dhaibhsan a tha ag iarraidh barrachd leasachaidh.
Leughaibh barrachd mu na goireasan seo air duilleag Àite-obrach Clò-bhualaidh + Seòmar Dorcha.
Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh aig an deasg-aghaidh ann an Taigh Chearsabhagh, no cuiribh postd gu: andy@taigh-chearsabhagh.org
