Home > Event > Ionad Cruthachail: dè tha a dhìth oirbh?

Ionad Cruthachail: dè tha a dhìth oirbh?

*Ceann-là air a shìneadh gu 16 Màrt*

Na h-eileanan agaibhse, an obair agaibhse, an t-aonta agaibhse.

A bheil sibhse a’ dèanamh obair chruthachail, stèidhichte ann an Uibhist? Bu toigh leinn cluinntinn dè a tha a dhìth oirbh agus beachdan airson cruth a thoirt air Ionad Cruthachail ann an Loch nam Madadh, ann an dòigh a bheir seasmachd do dh’obair phroifeiseanta ionadail.

Tha Taigh Chearsabhagh a’ dèanamh ath-sgrùdadh air feumalachdan ionadail agus comasachd airson stiùidio agus àite-obrach airson obair chruthachail. Bheir beachdan bhon ath-sgrùdadh seo buaidh air planadh san àm ri teachd agus atharraichean air an dealbhachadh.

Tha sinn a’ toirt fiathachadh dhuibh gabhail pàirt ann an ceisteachan air-loidhne do luchd-cruthachail sna h-eileanan, airson tomhas meud an iarrtais airson Ionad Cruthachail ùr, stèidhichte aig Taigh Chearsabhagh. Bhiodh an t-Ionad Cruthachail an lùib cuid eile air am moladh airson nan eilean mar phàirt de dh’Aonta Fàs nan Eilean, air aontachadh le Riaghaltas na Rioghachd Aonaichte, Riaghaltas na h-Alba agus na trì ùghdarrasan ionadail eileanach.

Thòisich an obair air a’ phròiseact seo ann an 2021/22, le sgrùdadh air feumalachdan agus comas a chaidh a dhèanamh mar phàirt de mar phàirt de leasachadh adhbhar-gnothaich airson a’ phròiseict. 

Bha an obair sin a’ gabhail a-steach sgrùdadh air an iarrtas airson stiùidiothan agus goireasan eile. Tha BiGGAR Economics, a rinn an rannsachadh ann an 2021-22, ag obair le Taigh Chearsabhagh airson an sgrùdadh fheumalachdan ùrachadh, gus an gabh adhartas a dhèanamh air a’ phròiseact a thoirt gu buil, agus am measg sin an taic-airgid riatanach fhaighinn. Tha feum air beachdachadh as ùr air feumalachdan an là an-diugh airson taic a chur ris a sin.

A’ leantainn na bùthan-obrach a chaidh a chumail le luchd-cruthachail bho chionn ghoirid, chaidh ceisteachan air-loidhne a chur ri chèile airson beachdan a thional bhon choimhearsnachd luchd-cruthachail nas fharsainge, agus faighinn a-mach mu mheud an iarrtais, agus nàdar an iarrtais. Cuiridh fiosrachadh bhon cheisteachan seo ris rannsachadh fheumalachdan airson a’ phròiseict.

Bhiomaid fada nur comain nan lìonadh sibh an ceisteachan tron cheangal a leanas:
https://www.surveymonkey.com/r/2CSYFMK

Bidh an ceisteachan ri fhaighinn an seo gu meadhan oidhche air oidhche na Sàbaid 16 Màrt. Thèid na freagairtean uile gu dìreach gu BiGGAR Economics agus cha bhi ainm orra. Tapadh leibh airson ar cuideachdadh.

Postd: Tha sibh làn di-beathte postd a chur gu Susannah le ceistean sam bith: susannah@taigh-chearsabhagh.org 

Cò dhà a tha an còmhradh seo?

Tha na còmhraidhean seo airson luchd-cruthachail ann am meadhan sam bith, na h-ealain lèirsinneil, ceòl, dannsa, ciùird no sgrìobhadh.  Tha sibh di-beathte beachdan a chur ris an sgrùdadh seo ge brith an robh sibh an lùib a’ chiad bhuidheann chomhairleachaidh ann an 2021-22.