Bidh an neach-ealain Deirdre Nelson còmhla ri buidheann obair-chlòtha aig Leabharlann Lìonacleit airson seisean spòrsail is neo-fhoirmeil, ag innse sgeulachdan agus a’ fuaigheil. Tha fàilte chridheil air daoine ùra!
Gus barrachd fhaighinn a-mach mu phròiseact a’ Ghàrraidh Ris Nach Robh Dùil aig na Beàrnain-Bhrìde, tadhail air duilleag pròiseact a’ Ghàrraidh. Bidh prògram an t-samhraidh fo bhlàth agus an t-sìde a’ blàthachadh, agus ma tha thu ag iarraidh dol gu tachartasan eile leis na Beàrnain-Bhrìde san àm ri teachd, cuir t’ ainm ris a’ chuairt-litir againn aig bonn na duilleig-lìn seo. Faodaidh tu Taigh Chearsabhagh a leantainn cuideachd air na meadhanan sòisealta airson fios, no tadhal às ùr air duilleag pròiseact a’ Ghàrraidh, a thèid ùrachadh gu cunbhalach.