Home > Event > Ogham-chraobh: Bùth-obrach Fuaim & Guthan

Ogham-chraobh: Bùth-obrach Fuaim & Guthan

’S e cruinneachadh luchd-ciùil dearbhaidh a th’ ann an Susannah Stark + an Còmhlan. ’S ann à Glaschu a tha iad, a’ cluich sheiseanan ceòl folk leudaichte, ann an àiteachan timcheall Clachan Baile a’ Ghobhainn, abhainn Chluaidh agus uisgeachan fon talamh.

Bidh Susannah a’ cumail bùth-obrach an-asgaidh a-muigh, air Là na Sàbaid 15 Màrt aig 11m, a bhios a’ sgrùdadh sgrìobhadh òrain co-fhreagrach, fuaimreagachadh agus òcaideachadh. Tha an seisean air a bhrosnachadh leis a’ cheangal àrsaidh eadar chraobhan is cànain, a’ rannsachadh an dà chuid ainmean chraobhan sa Ghàidhlig agus am beith-luis-nin (no Ogham / ogham-chraobh), cruth de dh’aibidil bho àm thràth sna meadhan-aoisean, airson cruthachadh ceòl òcaideach. Cleachdaidh sinn criomagan bho chlàraidhean, mics, agus na guthan againn airson obrachadh còmhla ann am buidheann bheag.

Feumar tiogaid airson a’ bhùth-obrach a ghlèidheadh ron àm, gu h-ìosal. ’S ann a-muigh a bhios e, aig The Wee Woodland ann an Loch nam Madadh. Bu chòir dhuibh aodach is brògan fhreagarrach a chur oirbh airson a bhith blàth is sàbhailte. 

Bidh Susannah cuideachd a’ gabhail pàirt ann an taisbeanadh ciùil cuide ri cluicheadair trompaid, Phil Cardwell, an drumair Laurie Pitt, agus cluicheadair bogsa, Caroline Hussey, airson ‘Mion-phuingean’ a thoirt thugainn. Tha an co-obrachadh air a sgaoileadh air Night School Records Ghlaschu agus fo ainm Stroom sa Bheilg. Tha fàilte oirbh tighinn gan èisteachd, sa Chafaidh ann an Taigh Chearsbhagh air oidhche na Sàbaid 15 Màrt, aig 7f. Tha tiogaidean is tuilleadh fios ri fhaighinn an seo.

Bha Susannah còmhla rinn ann an Taigh Chearsabhagh airson mhuinntireis Romhainn an-uiridh, a’ togail air a h-ùidh leantainneach ann an ealain nan òran agus cuir an cèill iomadh-chànanach. Às a sin, nochd ‘Stairseach’, tachartas beò a rinn sgrùdadh air faireachdainn a bhith air stairseach, mar àiteachan far am bi sinn a’ dol seachad agus a’ dèanamh iomlaid, a’ cruinneachadh chuimhneachaidhean ann an aithrisean thasglainn air sgrìobhadh Gàidhlig, le boireannaich leithid Màiri nighean Alasdair Ruaidh.