Home > Event > Mion-phuingean: Susannah Stark + an còmhlan

Mion-phuingean: Susannah Stark + an còmhlan

Ceann-là ùr!

’S e cruinneachadh luchd-ciùil dearbhaidh a th’ ann an Susannah Stark + an còmhlan. ’S ann à Glaschu a tha iad, a’ cluich sheiseanan ceòl folk leudaichte, ann an àiteachan timcheall Clachan Baile a’ Ghobhainn, abhainn Chluaidh agus uisgeachan fon talamh.

Bha Susannah Stark còmhla rinn ann an Taigh Chearsabhagh airson mhuinntireis Romhainn an-uiridh, a’ togail air a h-ùidh leantainneach ann an ealain nan òran agus cuir an cèill iomadh-chànanach. Às a sin, nochd ‘Stairseach’, tachartas beò a rinn sgrùdadh air faireachdainn a bhith air stairseach, mar àiteachan far am bi sinn a’ dol seachad agus a’ dèanamh iomlaid, a’ cruinneachadh chuimhneachaidhean ann an aithrisean thasglainn air sgrìobhadh Gàidhlig, le boireannaich leithid Màiri nighean Alasdair Ruaidh.

A-nis tha Susannah air tighinn còmhla ri cluicheadair trompaid, Phil Cardwell, an drumair Laurie Pitt, agus cluicheadair bogsa, Caroline Hussey, airson ‘Mion-phuingean’ a chruthachadh. Tha an co-obrachadh air a sgaoileadh air Night School Records Ghlaschu agus fo ainm Stroom sa Bheilg, le sgrìobhadh ùr Gàidhlig na lùib. Tha iad air cluich beò ann an Alba, an Rìoghachd Aonaichte, chaidh an ceòl a sgaoileadh air Late Junction, BBC 6 Music, fbi.radio, an lùib àiteachadh eile agus chaidh an cur air adhart airson duais ‘Eileagtronaig as fheàrr’ aig Duaisean Ciùil Alternative na h-Alba.

Tha sinn toilichte fàilte a chur air Alex & Rosie cuideachd mar phàirt den fheasgar, a’ cur ri Mion-phuingean le òrain air an sgrìobhadh ann, agus mu dheidhinn, Uibhist.

Nach tig sibh còmhla rinn sa Chafaidh air oidhche na Sàbaid 15 Màrt aig 7f airson Mion-phuingean? Glèidhibh tiogaid gu h-ìosal – pàighibh na thogras sibh.

Bidh Susannah cuideachd a’ stiùireadh bùth-obrach a-muigh, an-asgaidh, a bhios a’ sgrùdadh sgrìobhadh òrain co-fhreagrach, fuaimreagachadh agus òcaideachadh. Bidh seo a’ gabhail àite air madainn na Sàbaid 15 Màrt aig 11m agus feumar tiogaid a ghlèidheadh ron àm. Gheibh sibh tuilleadh fios agus tiogaid an-asgaidh an seo.