Home > Event > Oidhche Sgrìob

Oidhche Sgrìob

Thigibh còmhla rinn airson oidhche Sgrìob deuchainneil a bhios a’ tabhann taisbeanaidhean air an cur air dòigh ro laimh agus cuideachd ùrlar fhosgailte airson sealltainn agus feuchainn stuthan deuchainneil ann an sgrìobhadh agus cànan. Bhiodh sinn toilichte cluinntinn sgeulachdan, bàrdachd, còmhraidhean, òrain, rannan, teipichean measgaichte no dad a tha a’ còrdadh ribh! Tha caraidean is srainnsearan air am fiathachadh gus stuthan a thoirt seachad, ma dh’fhaoite pìosan nach eil air an crìochnachadh fhathast, no obair choileanta ghleansach, gus àite coimhearsnachd a chruthachadh airson èisteachd, tàr-chur agus còmhradh. 

Mar thoradh air na th’ ann de thàlant, tha am prògram airson oidhche Sgrìob a-nis làn! 

Bidh an neach-ealain is sgrìobhadair Susannah Bolton a’ taisbeanadh taghadh de bhàrdachd ùr cuide ri ulaidhean bho thasglainn. Le cànan a tha a’ gluasad eadar Gàidhlig is Beurla, fìorachd is ficsean, staigh-shealladh agus tìrean fharsaing, tha an obair fhillte aig Susannah a’ tarraing ri chèile sealladh air beatha air a fhreumachadh ann an àite. Chaidh an obair aig a mheas mar ‘lèirsinneil agus corpaichte’ agus ‘àileach – tha thu a’ faireachdainn an ciall’. 

Cluinnidh sinn bho Cat NicLeòid, bàrd, stiùiriche cruthachas, rannsaiche litreachas-eco agus neach-obrach leabharlann stèidhichte ann an Dùn Deagh, agus a’ tadhal oirnn mar ‘bhàrd bho acarsaid eile’. Tha Cat air a tarraing gu h-àraid gu sgrìobhadh bàrdachd eag-eòlasach, ‘a’ snìomh eòlas bho fhianais, làimh ri fios spòrsail mu bheathaichean, agus a’ faicinn far a bheil na beàrnan eadar na taobhan seo a’ fàs’; agus i a’ toirt fa-near mar aas motha a tha i ag ionnsachadh mu eag-eòlas, ‘chan urrainn dhith sguir a sgrìobhadh maille ris’.

Tha cliù eadar-nàiseanta aig an seinneadair is sgrìobhadair, Gabriella Coniglio, a bhios a’ tighinn còmhla rinn cuideachd. Tha Gabriella air a bhith a’ toirt tlachd do luchd-èisteachd air feadh an t-saoghail leis a’ mheasgachadh aice de dh’òrain bhlàth, milis is uaireannean fiù ’s gòrach. Tha i air òrain a sgrìobhadh ann an grunn dhiofair chànain agus ’s toigh leatha cuideachd a bhith a’ dèanamh suas òrain a tha a’ ceangal ri sruthadh chruthachail an àma. 

Bidh Pauline Prior-Pitt a’ toirt seachad cuid den bhàrdachd aice, is na leughaidhean aice air an ainmeachadh mar ‘deas, èibhinn, tiamhaidh agus.. dìreach draoidheil.” Bidh Pauline a’ sgrìobhadh mu dheidhinn dhàimhean eadar fireannaich is boireannaich, beatha teaghlaich, seallaidhean dachaigh, lèigh-eòlas bhan, cuspairean poilitigeach, dreasaichean, an aois, gaol is bàs, agus san leabhar aice, Storm Biscuits, tha i a’ sgrìobhadh mu dheidhinn cruth-tìre Uibhist a Tuath.

Tha an cothrom air an open mic a-nis làn, le measgachadh shònraichte de luchd-ealain ionadail air an ainm a chur sìos, le bàrdachd, òrain, leughaidhean agus ceòl. Thigibh a dh’èisteach ri prògram làn, agus nach leig sibh fhaicinn dhuinn nam bu toigh leibh pàirt a ghabhail ann an Sgrìob eile uaireigin eile? An-asgaidh agus fosgailte don h-uille duine.

–

Tha an tachartas seo mar phàirt de phrògram Bàrd aig gach Acarsaid, ann an co-bhann ris an Southbank Centre agus Leabharlann Nàiseanta na Bàrdachd. Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh an seo mu dheidhinn tachartasan Bàrd aig gach Acarsaid ann an Uibhist a Tuath, agus Bhana Leabharlann Nàiseanta na Bàrdachd a bhios a’ tadhal oirnn. Tha tuilleadh fiosrachaidh mu phròiseact Bàrd aig gach Acarsaid an seo.