Home > Event > Òraid: Fuaim na Mara

Òraid: Fuaim na Mara

Ann an co-bhann ri cur air bhog taisbeanadh Fuaim na Mara ann an Gailearaidh a’ Chafaidh, bidh an neach-ealain Bronwyn NicChoinnich a’ toirt seachad òraid air an obair aca, air Disathairne 11 Iuchar, 3-4f. Tha an tachartas seo an-asgaidh agus fosgailte don h-uile tighinn ann a chluinntinn barrachd mu leasachadh na h-obrach seo.

’S e pròiseact rannsachaidh a th’ ann an Fuaim na Mara a tha ag amas air sealltainn mar a ghabhas a’ mhuir a thuigsinn tro mheacanaigs lionntan.

Ann an co-bhonn ri Jack King aig Oilthigh Mhanchester, tha Taigh Chearsabhagh air coimisean a thoirt do neach-ealain lèirsinneach, Bronwyn NicChoinnich, airson obair ealain ùr a chruthachadh. Tha an obair a’ tarraing ri chèile ealain, saidheans agus siostaman nàdarra tro dhealbhan, fuaim agus teicneòlas. Air a chruthachadh airson Fuaim na Mara, tha na dealbhan ag eadar-theangachadh dàta bho stuaghan is an àrainneachd ann an Innse Gall is ga chur ann an comharran fiosaigeach, a’ nochdadh pàtarain de ghluasad, neart agus atharrachadh sna h-uisgeachan mu thimcheall.

Tha seo ga thaisbeanadh an cois The Listening Pools – stàladh a tha a’ cleachdadh uisge-mara agus clàraidhean fon uisge airson ceangal dìreach, beantainneach a chruthachadh eadar a’ bhodhaig agus a’ chuan. Tha coimisean ciùil a chur Ollie Mills an cèill a dh’aona ghnothach, a’ cur ceòl ris an taisbeanadh. Tha Fuaim na Mara a’ tabhann bogadh ciùil 15-mionaid, air a bhrosnachadh le bòidhchead chladaichean Innse Gall agus an rannsachadh saidheansail air gluasad agus briseadh nan tonn.

Tha Fuaim na Mara ga chur air bhog le ro-shealladh fosglaidh air Dihaoine 10 Iuchar aig 7f, agus fosgailte ann an Gailearaidh a’ Chafaidh, Diluain gu Disathairne, 10m – 4f, gu 29 Lùnastal. Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.