Home > Event > Òraid le Neach-Ealain Yasmin Davidson

Òraid le Neach-Ealain Yasmin Davidson

Air Diciadain 10 Sultain, aig 5f, bheir an neach-ealain Yasmin Davidson seachad òraid, le dealbhan, mu dheidhinn a cuid obrach san taisbeanadh An-diugh ’s an-dè, air a brosnachadh le tasglann film FAODAIL, agus innisidh i dhuinn cuideachd mun cho-theacsa agus dòighean-obrach aice san fharsaingeachd.

**Chan eil mòran àiteachan ann agus bu chòir tiogaid a ghlèidheadh gu h-ìosal.**

An-diugh ’s an-dè

Tha tòrr air atharrachadh, ach tha ceanglaichean beaga ann fhathast. Tha na dòighean anns am bi sinn ag àiteach agus a’ dol an cuideachd a chèile ag atharrachadh barrachd is barrachd. An-diugh, fiù ’s le teicneòlas, tha e mar gu bheil sinn a’ dèanamh oidhirp gus ceangal a thogail às ùr le cach a chèile, aig ìre bhunaiteach, a’ cumail grèim air seann chleachdaidhean ach a’ gabhail ri dòighean ùra cuideachd.

Tha eileanan na h-Alba air glèidheadh mothachadh air coimhearsnachd, is sin follaiseach an-diugh agus tric ri fhaicinn sna dòighean anns am bi sinn ag obrachadh na talmhainn. Le brosnachadh bho chionn ghoirid bho phròiseact FAODAIL, Tasglann Fhilm Innse Gall, tha an neach-ealain Yasmin Davidson air ìomhaighean a tharraing ri chèile bho sheann fhilmichean, taobh ri taobh ri na h-ìomhaighean aice air beatha an latha an-diugh. Tha glèidheadh nam filmichean ann an dòigh lèirsinneach tro pheantadh, a-nis air fàs gu bhith na fheumalachd airson luach a chur air eachdraidh na h-eileanan againn.

’S e ‘An-diugh ’s An-Dè’ an taisbeanadh as ùire den pheantadh aig Yasmin Davidson. Chì sibh e, an-asgaidh, ann an Gailearaidh a’ Chafaidh, bho 28 Iuchar gu 4 Dàmhair, Diluain – Disathairne, 10m – 4f. ’S e peantadh ola a th’ annta uile agus gabhaidh iad ceannach. 

Rugadh Yasmin Davidson ann an Dùn Deagh agus thogadh sa bhaile i. Bha i na h-oileanach ann an Ealain Fhìnealta aig Colaiste Ealain Duncan of Jordanstone, is cheumnaich i ann an 2013. Bha i a’ fuireach ann an Canada agus shiubhal i air feadh Ameiriga. Ghluais i a dh’Uibhist a Tuath ann an 2019 agus i a-nis a’ fuireach agus ag obair ann an Eilean Bheàrnaraigh, agus tric a’ taisbeanadh a’ cuid obrach cuide ri Comann Ealain Uibhist agus ann an gailearaidhean air feadh na h-Eileanan an Iar.

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.

’S urrainn dhuibh Yasmin Davidson a’ leantainn air Instagram agus air Facebook.

Booking

Bookings are no longer available for this event.