Bha fèill mhòr orra agus a-nis tha feasgair Pecha Kucha aig UHI Innse Gall agus Taigh Chearsabhagh air ais a-rithist: Feasgar neo-fhoirmeil làn fealla-dhà, le òraidean fìor ghoirid air caochladh cinn-còmhraidh co-cheangailte ri cuspair. ’S e an cuspair airson an Dùbhlachd: GROUND.
Dè th’ ann am Pecha Kucha?
’S e òraid gu math goirid a th’ ann! Tha e ann an cruth 20 slaighd, is 20 diog ann airson gach slaighd, gus am bi an òraid dìreach beagan is 6 mionaid a dh’fhaid. Tha sùil gheur ga chumail air an ùine airson gach òraid! Tha an cruth na dhòigh-obrachaidh luath is làn spòrs; dheagh chothrom ionnsachaidh dhaibhsan a tha ùr ri taisbeanadh, agus na eacarsaich mhath dhaibhsan a tha nas eòlaiche.
Airson a’ chuairt seo de Pecha Kucha, ’s e GROUND an ceann-còmhraidh. ’S urrainn don chuspair a bhith àbhaisteach no os-fhìreach, pearsanta no gabhail a-steach a h-uile duine. Bha òraidean ann roimhe air: loidhnichean, gàrraidhean cloiche, innealan traidiseanta, eag-eòlas agus preasaichean annasan.
Thèid òraidichean agus cuspairean an ainmeachadh a dh’aithghearr. Bidh sinn a’ stad corra uair airson deoch no grèim bheag agus còmhradh.
Am bu toigh leibh taisbeanadh a thoirt seachad? Cuiribh fios-iarrtais gu Rosie Blake rosie.blake@uhi.ac.uk ro Dhihaoine 18 Samhain. Ma tha ceistean sam bith agaibh, faodaidh sibh postd a chur uair sam bith.
Bidh Rosie a’ sgaoileadh beagan comhairle is stiùireadh do dhuine sam bith aig a bheil ùidh, agus tha i a’ cur air adhart Pecha Kucha 101 air Diciadain 16 Samhain aig 6f – 6.30f (air Zoom). Bidh seo na dheagh chothrom tadhal a-steach agus ceistean sam bith fhaighneachd no beachdan a thogail air cuspairean air am bu toigh leibh bruidhinn. (Cuiribh postd gu Rosie airson an ceangal Zoom fhaighinn).