Home > Event > Pròiseact 20:20

Exhibition poster with a selection of images from the 20:20 Print Exchange and names of exhibiting artists.

Pròiseact 20:20

Thòisich Iomlaid Clò-bhualaidh 20:20, air a ruith le Hot Bed Press, ann an 2009 le deichnear luchd-ealain bhon Hot Bed Press Print Studio a’ dèanamh iomlaid pìosan clò-bhualaidh le aon stiùidio clò-bhualaidh eile. Tha e a-nis air fàs bhon toiseach tòiseachaidh iriosail seo agus gu ruige seo chaidh còrr is 133,000 clò-bhualadh a chruthachadh a dh’aona ghnothach agus a thoirt seachad.

Chuir buill bho Àite-obrach Clò-bhualaidh Thaigh Chearsabhaigh ris an Iomlaid Clò-bhualaidh ann an 2023, agus tha sinn air ar dòigh an obair aca a thaisbeanadh.  Tha seo a’ gabhail a-steach clò-bhualaidhean a chur Àite-obrach Clò-bhualaidh Thaigh Chearsabhaigh a-staigh gu iomlaid 20:20, agus obair bhon bhùth-obrach ann an compàirt againn, Stirchley Printworks, a bharrachd air taghadh de phìosan bho fheadhainn eile a ghabh pàirt.

Tha gach neach-ealain a bha an sàs san Iomlaid Clò-bhualaidh a’ faighinn bogsa de 20 pìos clò-bhualaidh bhon obair aig an luchd-ealain eile.  Tha gach stiùidio ga chur ann an compàirt le stiùidio eile agus a’ faighinn bogsa bhon luchd-ealain aca fhèin, bho an stiùidio ann an compàirt aca, agus taghadh de phìosan bhon Iomlaid air fad.

A’ gabhail pàirt bho Thaigh Chearsabhagh bha: Nicola Neate, John Kippin, Siân Swinton, Sheenagh Patience agus Keith McIntyre.  Chuir am bùth-obrach ann an compàirt againn, Stirchely Printworks, obair a-staigh bho Megan Reddi, Sharon Foster, James Turner, Helena Brzeski agus Nicola Eveleigh.

Tha taisbeanadh clò-bhualaidhean a fhuair Taigh Chearsabhagh mar thoradh air gabhail pàirt ann an Iomlaid 20:20 ri fhaicinn an-asgaidh ann an gailearaidh a’ Chafaidh, Diluain-Disathairne, 10m-4f.  Tha an taisbeanadh seo a’ tighinn ron Chuairt Iomlaid Clò-bhualaidh air fad, a thig gu Gailearaidh 1 ann an Taigh Chearsabhagh, bhon t-Sultain gu Dàmhair 2024.

Gus barrachd fhaighinn a-mach mu na goireasan clò-bhualaidh agus cothroman aig Taigh Chearsabhagh, tadhalaibh air duilleag Àite-obrach Clò-bhualaidh agus Seòmar Dorcha.

Còir-deilbhe: 

Taigh Chearsabhagh – Nicola Neate, John Kippin, Siân Swinton, Sheenagh Patience, Keith McIntyre.

Stirchely Printworks – Megan Reddi, Sharon Foster, James Turner, Helena Brzeski, Nicola Eveleigh.