Obair ùr le Peter Rintoul
“Thairis nam bliadhnaichean tha mi air m’ ealain a chur an cèill tro mheasgachadh de mheadhanan; peant aicriolaig, gual-fhiodha, criadh, collage, peant ola, clò-bhualadh, uisge-dhath agus, bho chionn ghoirid, fiodh. An toiseach bhithinn a’ snaigheadh pìosan fiodha ùr, ach smaoinich mi gum biodh e inntinneach rannsachadh an ath-chleachdadh de stuthan a bhios againn bho latha gu latha, mar phàirt den ealain agam. Bha deagh thòrr fhiodh plywood math againn bhon àm a chaidh an taigh againn a thogail, agus nuair a bhruidhinn mi ri croitearan a bha ag obair air feansaichean ùra, bha iad toilichte seann phuist a thoirt dhomh.
Tha e air a bhith na thoileachas a bhith a’ snaigheadh agus a’ nochdadh an iomadh fhilleadh sa plywood (chan eil for againn dè tha am falach anns na fillidhean nach eil am follais) agus na annas thlachdmhor a bhith a’ sgrùdadh gràn bhreàgha an fhiodh fo uachdar ghruamach puist fheansaidh phlèana, àbhaisteach, fo bhuaidh nan sian. Tha e air a bhith na thoil-inntinn agus tha mi an dòchas gun còrd e ribhse cuideachd.”
’S e Repurposing an taisbeanadh Cafaidh as ùire againn, le neach-ealain à Uibhist, Peter Rintoul. ’S urrainn dhuibh tadhal air Repurposing, an-asgaidh, ann an Gailearaidh a’ Chafaidh ann an Taigh Chearsabhagh, bho 1 Ògmhios – 27 Iuchar, Diluain gu Disathairne. Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.
Còir-deilbhe: Peter Rintoul.
