Ro-shealladh, Dihaoine 26 Cèitean, 6-8f
Am-bliadhna seo, tha UHI Outer Hebrides a’ cur air adhart Taisbeanadh Alumni airson obair bho luchd-ceumnachaidh BA (Hons) Fine Art a shealltainn. Chaidh an cùrsa a stèidheachadh ann an 2006, ann an stiùidiothan na h-oirthir bhreàgha aig Taigh-tasgaidh is Ionad Ealain Thaigh Chearsabhaigh, air cladach Loch nam Madadh ann an Uibhist a Tuath.
Bha am prògram an toiseach ga ruith ann an compàirt le Sgoil Ealain Mhoireibh, agus ann an 2017 fhuairear aonta airson na 4 bliadhnaichean slàn an lìbhrigeadh bhon làrach ann an Uibhist a Tuath.
Tha e mìorbhuileach faicinn cia mheud alumni a tha air leantainn leis an obair chruthachail aca, agus am-bliadhna-sa tha an taisbeanadh buidhne a’ toirt luchd-ceumnachaidh ri chèile bho fad seachd bliadhn’ deug den chùrsa. Bidh 18 alumni a’ taisbeanadh obrach bho fharsaingeachd bheòthail de mheadhanan agus de chuspairean, a’ gabhail a-steach dealbhadh, obair-snaidhidh, stàladh, peantadh, film agus a bharrachd.
’S e RITUAL / REBELLION! cuspair an taisbeanaidh, gus gabhail a-steach an dà chuid na ceumannan is gluasadan a bhios gan gabhail uair is uair airson obair chruthachail, agus diùltadh òrdugh; cuir an aghaidh thraidiseanan stèidhichte, agus miann slighean ùra a lorg.
Roghnaich an alumni againn ionnsachadh san àrainneachd iongantach seo, agus tha eachdraidh bheairteach, eag-eòlas agus ùine dhomhainn an eilein seo air a shnìomh nan obair ann an dòigh a choreigin. Bidh an taisbeanadh a’ tarraing ri chèile obair na buidhne luchd-cruthachail measgaichte seo, a’ tighinn còmhla san àite a bhrosnaich iad tron ionnsachadh aca air an BA (Hons) Fine Art, agus air adhart.
Bidh fàilte romhaibh aig an ro-shealladh airson RITUAL / REBELLION! air Dihaoine 26 Cèitean, bho 6f. Fosgailte don h-uile duine.