Filmichean bho Thasglann Fhilm Faodail | Found air Innse Gall bho na 30an gu na 80an, a’ clàradh atharraichean ann am beatha nan eilean, a’ sgrùdadh an eachdraidh shòisealta – beatha teaghlaich, croitearachd is siubhal, a bharrachd air an àrainneachd nàdarra. Tha ceanglaichean coimhearsnachd làidir nan ginealaichean roimhe fhathast a’ toirt buaidh air na h-eileanan an-diugh.
’S e film aithriseach ùr bho UistFilm a th’ ann am Faodail | Found: Beatha nan Eilean. Thèid a chraoladh air BBC Alba air oidhche na Bliadhn’ Ùire ach tha sinn toilichte ro-shealladh sònraichte a thabhann, ann an Gailearaidh 2 air Dihaoine 19 Dùbhlachd aig 3f. Freagarrach air gach aois, tha a’ mhòr-chuid den fhilm sa Ghàidhlig, le fo-thiotalan sa Bheurla.
Chan eil mòran àite ann is mar sin bu chòir tiogaid an-asgaidh a ghlèidheadh gu h-ìosal. Bidh deochan rim faighinn, is bhiomaid taingeil airson tabhartas airgid sam bith air an son.
Le taing mhòr do MG ALBA airson taic leantainneach do phròiseact Tasglann Fhilm Innse Gall FAODAIL | FOUND. Tha sinn a’ meudachadh ruigsinneachd gu tasglann FAODAIL | FOUND le taic bho Mhaoin Dualchas Sgrìn BFI, a’ toirt seachad maoineachadh bhon Chrannchur Nàiseanta.
Crowdfunder leantainneach airson Didseatachadh: www.gofundme.com/f/FAODAIL-archive-film-digitisation

